Cùmhnant 'son ceàrnag a sgioblachadh

Ceàrnag a' Chamshroinich Image copyright Geograph/Nigel Chadwick
Image caption Tha dòchas ann gum bi tachartasan sa chreàrnag nuair a bhios an obair deiseil

Tha pròiseict airson làrach thachartasan a chruthachadh ann am meadhan a' Ghearasdain ceum nas fhaisge.

Thug Comhairle na Gàidhealtachd an cùmhnant 'son Ceàrnag a' Chamshroinich a sgeadachadh dhan chompanaidh P1 Solutions Eta.

Cosgaidh an obair £375,000 agus tha dòchas ann gun tòisich a' chiad earrann dhan obair an ceann mìos.

Thàinig an t-ionmhas airson an sgeama bhon £3m a fhuair Comhairle na Gàidhealtachd bho Riaghaltas na h-Alba na bu thràithe air a' bhliadhna 'son a chosg air pròiseictean a dh'fhaodar tòiseachadh air sa bhad.

Thèid obair-cladhaich a dhèanamh an toiseach 'son Ceàrnag a' Chamshroinich a dhèanamh còmhnard, agus 's e an t-amas nàdar de dh'àite-cleasachd fosgailte a chruthachadh le solais, obair-ealain agus àrnais-sràide ùr, rud a tha a' Chomhairle an dòchas a bhios nas tarraingiche do dhaoine.

Tachartasan

Thuirt Ceannard Comataidh Sgìre Loch Abair, Tòmas Mac'Illfhinnein, gu bheil an cùmhnant seo a' toirt obair-sgeadachaidh a chaidh a dhèanamh aig an fho-rathad agus air taobh siar a' bhaile, a thòisich ann an 2010, gu ceann.

"Aon uair 's gum bi an obair dèanta bidh a' cheàrnag na h-àite a bhios freagarrach 'son iomadh seòrsa tachartais air a bheil sinn a' cur fàilte sa bhaile.

"Leis gum bi tuilleadh dhaoine ann, cuidichidh sin na gnothachasan air a' phrìomh rathad, agus bidh àrainneachd tòrr nas fheàrr ann do luchd-tadhail," thuirt Mgr Mac'Illfhinnein.

Thèid co-chomhairleachadh a dhèanamh le luchd-malairt agus feadhainn a tha a' fuireach san sgìre 'son dèanamh cinnteach gum faighear fhathast gu togalaichean fhad 's a tha an obair a' dol air adhart.