C. Diff an Ospadal an Ràthaig Mhòir

  • Air fhoillseachadh
Soidhne Ospadal an Ràthaig Mhòir
Fo-thiotal an deilbh,
Thèid obair-glanaidh mhionaideach a dhèanamh air an uard.

Dhùin ceannardan aig uard ann am prìomh ospadal na Gàidhealtachd agus dragh mun ghalar Clostridium Difficile.

Ghabh Ospadal an Ràthaig Mhòir an ceum seo an dèidh dhan ghalar a thighinn air dithis euslainteach.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil an dithis air a bheil an galar anns an aon uard.

Tha uard meidigeach 7C a-nis dùinte do dh'euslaintich ùra agus do dh'euslaintich a bha an dùil a thighinn à uardan eile.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gum bi C.Difficile a' tighinn air euslaintich bho àm gu àm.

Ach thuirt an t-àrd-dhotair Jonty Mills gur e briseadh dùil a bh' ann dha-rìribh gun robh dà chùis dearbhte.

Tha e ag ràdh gu bheil an suidheachadh fo smachd agus gu bheil iad a' cumail sùil gheur air gnothaichean.

A rèir Mhgr Mills chan eil euslaintich fallain, luchd-tadhail no luchd-obrach fo mhòran chunnart idir agus tha ceumanan gan gabhail 'son feuchainn ri stad a chur air a' ghalar bho a bhith a' sgapadh.

An-uiridh b'fheudar dhan ospadal aon uard a dhùnadh co-dhiù trì tursan ri linn C-difficile.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh