Sgaradh anns a' Choithional

  • Air fhoillseachadh
  • comments

Don phàrtaidh Làbarach, 's e eaglais bhuaireanta a tha anns an Eaglais Bhric.

Chaidh an ciothional a-mach air a chèile agus casaidean coirbteachd, brèige agus làmhachaiss làidir gan toirt seachad air gach taobh.

An-dè, dh'inniseadh dhomh leis an t-seann sheansalar agus ceannard na h-iomairt airson an Aonaidh eadar Alba agus an còrr dhen Rìoghachd Aonaichte Alistair Darling gum bu chòir rannsachadh ùr a chur air chois air dol a-mach an aonaidh Unite anns an sgìre.

Nan cuireadh neach-casaid a' chrùin roimhe rannsachadh eucoir a thòiseachadh às dèidh mar a chaidh fianais ùr a thoirt don phoilis, dhèanadh sin a' chùis, thuirt e.

Ach mura cuireadh, dh'fheumadh rannsachadh ùr a chumail agus toradh an rannsachaidh sin fhoillseachadh.

Às aonais sin, thuirt e, cha bhiodh earbsa aig duine gun d'fhuair iad chun na fìrinne.

Casaid

Bu shoilleir dha gun do dh'fhàilig air ciad rannsachadh a' phàrtaidh sin a dhèanamh.

A rèir nan Làbarach fhèin, chaidh sin a chur don dàrna taobh às dèidh mar a chaidh fianais dithis aig cridhe na cùise a tharraing air ais.

B' e a' chasaid gun do chlàraich Unite buill ùra a' phàrtaidh - cuid dhiubh gun fhiosta dhaibh fhèin - gus an toireadh iad taic don tagraiche a b' fheàrr leothasan àite Eric Joyce a ghabhail mar bhall na h-Eaglaise Brice an Iar anns na Cumantan.

Chaidh cur às leth an aonaidh gun do phàigh iad cùisean ballrachd nam ball ùr seo ann an oidhirp gus an roinn-phàrlamaid a cheannachd.

An-dè chaidh Michael agus Lorrainne Kane às àicheadh gun do dh'atharraich iad an sgeulachd aca.

Ach a dh'aindeoin sin, dhiùlt Ed Miliband rannsachadh ùr a ghealltainn an-diugh.

Doirbh

Chan ann a-mhàin gu bheil daoine anns a' phàrtaidh ionadail mì-thoilichte le sin.

(Chuir grunn chomhairlichean làbarach anns an sgìre an guthan ris a' ghairm airson rannsachaidh ùir, no foillseachadh an t-seann fhir).

Thuirt Johann Lamont gum bu chòir coimhead ri rannsachadh ùr agus i a' bruidhinn air Radio Alba madainn Diluain.

Tha seo air leth doirbh dhìse, a chaidh a thaghadh gus am pàrtaidh gu lèir ann an Alba a stiùireadh, chan e dìreach mar cheannard na buidhne aig Holyrood.

An-dràsta, is coltach nach eil smachd aig Ms Lamont air cùis chonnspaideach leth uair a thìde air an trèana eadar a' phàrlamaid Albannach agus an sgìre aice fhèin.

Ach tha cunnart ann do dh'Ed Miliband cuideachd.

Àimhreit

'S e taic nan aonaidhean ciùird a dh'fhàg gun d'fhuair Mgr Miliband a dhreuchd air thoiseach air a bhràthair.

Mar sin, tha e air leth cudromach dha sealltainn gur esan a tha os cionn a' phàrtaidh agus chan iad a thug e ann agus a bheir cuid mhòr dhen airgead a-steach don truinnsear cruinneachaidh.

Tha na riaghailtean a-nis air atharrachadh gus nach urrainn do dh'aonadh cìsean ballrachd a' phàrtaidh làbaraich a' phàrtaidh.

Agus, tha Stevie Deans, ceannard Unite aig cridhe na h-àimhreit aig ionad-ola Inbhir Gràinnse, an dùil fàgail mar charaiche a' phàrtaidh anns an sgìre.

Bu mhath le Ed Miliband - agus Johann Lamont - an trot seo a chur air an culaibh agus gluasad air adhart gus tagraiche ùr a thaghadh.

An-dràsta, ge-tà, chan e e coltach idir gun tèid aca air sin a dhèanamh.