Co-chomhairleachadh a-rithist air sgeama connaidh
- Air fhoillseachadh

Dh'aontaich Roinn an Ionmhais co-luadar poblach a dhèanamh a-rithist air sgeama fo an rachadh connadh nas saoire a thoirt do sgìrean dùthchail an Alba.
Tha iad a' coimhead air an sgèama, a tha a toirt còig sgillinn far gach liotair de chonnadh anns na h-Eileanan a leudachadh gu sgìrean iomallach air Tìr Mòr.
Tha seo a' tighinn as dèidh ghearainnean làidir bho air feadh na Gàidhealtachd mu cho mòr 's a tha prìs a' chonnaidh.
Thuirt Àrd-Oifigearan Comhairle na Gàidhealtachd gun robh an dòigh san robh an co-chomhairleachadh air a ruith an triop mu dheireadh riaslach.
Agus thuirt iad gun robh e gu math doirbh do dhaoine creidsinn na thàinig às, leis gun d'fhuaireadh gun robh sgìrean ann an ceann an iar-dheas Shasainn freagarrach airson na sgeama, ach nach robh sgìrean sam bith ann an Gallaibh no Cataibh.
Thuirt Cathraiche Roinn nan Seirbheisean Teicnigeach aig an ùghdarras, Graham Phillips, gu bheil e toilichte gu bheil oidhirp ga deànamh a' chùis a' chur ceart.