Craobh Ghàidhealach a' farpais ris an Roinn Eòrpa
- Air fhoillseachadh

Tha seann chraobh dharaich ann an Siorrachd Pheairt am measg na tha gan cur air adhart airson tiotal Craobh Eòrpach na bliadhna seo.
Bidh an fharpais ga cumail gach bliadhna, ach 's e seo a' chiad uair a chaidh craobh Albannach a chur air adhart airson an tiotail.
'S ann air bruaichean Uisge Tatha, faisg air Dùn Chailleann, a tha a' chraobh, agus 's ann foidhpe a shuidheadh am fidhlear ainmeil Niall Mac a' Ghobhainn (Niel Gow), a bha beò san 18mh Linn, agus e a' cumadh phort ainmeil a tha fhathast gan cluich an-diugh.
Bha Mac a' Ghobhainn, a bha a' fuireach ann an Inbhir, aithnichte airson na stoidhle sònraichte sam biodh e a' cluiche na fìdhle.
Slàn leis an Uisge-Bheatha
Tha e air aithneachadh airson phort leithid "Cumha Nèill Mhic a' Ghobhainn air a Dhàrna Mhaoi," agus "Slàn leis an Uisge-bheatha."
Tha sgeulachd a' dol gum biodh e na shuidhe fon chraoibh a' cluich 's a' cumadh ciùil, agus gum biodh Diùc Athall (aig an robh a' Ghàidhlig cuideachd) na shuidhe air taobh thall na h-aibhne ga èisteachd.
Phàigh an Diùc tuarastal do Mhac a' Ghobhainn airson cluich aig tachartasan cudromach san teaghlach aige.
Bidh a' chraobh fom biodh e na shuidhe a' farpais ri craobhan anns a' Chuimrigh, Poblachd nan Seiceach, san Fhraing, agus ann am Bulgàiria airson an tiotal.
"Thuirt cuideigin gu bheil e coltach ris an Eurovision Song Contest, ach gu bheil nas motha chraobhan an sàs ann," thuirt Ruairidh Francis, bho Urras nan Coilltean.
"'S i farpais a th' ann, chan ann airson a' chraobh as sine no às motha a lorg, ach craobh a tha a' tarraing coimhearsnachd còmhla.
"Craobh a tha gaol aig a h-uile duine oirre.
"Thèid an toradh fhoillseachadh ann an tachartas sònraichte sa Bhruiseal san Ògmhios an ath-bhliadhna, tha mi a' creidsinn.
"Agus a bharrachd air sin, bidh co-fharpais ann an ath-bhliadhna airson craobh Albannach na bliadhna a lorg cuideachd.
"Saoilidh mi gu bheil grunnan chraobhan ann a tha sònraichte. Seann chraobhan, craobhan a tha ainmeil ann an eachdraidh.
"Tha e uabhasach cudromach nam bheachdsa gu bheil sinn a' cur luach air na craobhan sin, agus gan glèidheadh mar a bu chòir.
"Tha mi an dòchas gum bi a' cho-fharpais seo aig ìre na h-Alba a' cuideachadh ann a bhith a' dèanamh seo," thuirt e.
Thèid aig a' phoball air bhòtadh airson na daraich tro mhìos a' Ghearrain 2014, ann an cuairt dheireannach na farpais.