Tuarastal nas motha a dhìth air an tuath

  • Air fhoillseachadh
Airgead
Fo-thiotal an deilbh,
Tha connadh agus an àrainneachd sna sgìrean iomallach a' cur ris a' chosgais.

Tha teaghlaichean ann an sgìrean iomallach de dh'Alba a' cur feum air tuarastail a tha gu math nas motha na teaghlaichean ann an àiteachan eile de Bhreatainn a rèir sgrùdaidh bho Oilthigh Loughborough.

Sheall an rannsachahd gu bheil iad a' cur feum air 40% a bharrachd de theachd-a-steach sa chumantas.

Tha an rannsachadh a' togail air na cosgaisean a bharrachd a tha aig teaghlaichean ann an sgìrean iomallach ri ghiùlain airson biadh, aodach agus gnothaichean taighe.

Tha connadh nas cosgaile agus tha an àrainneachd anns a bheil iad a' fuireach a' ciallachadh gu bheil iad a' cleachdadh barrachd.

Tha an t-astar a th' aca ri siubhail a dh'obair agus gu bùithdean a' cur tuilleadh uallaich ionmhais orra.

A rèir na h-aithisg, tha cuidigin a tha a' fuireach leis fhèin ann am baile air Ghàidhealtachd a' cur feum air 90% de thurasatal cumanta na Rìoghachd Aonaichte airson gum bi ìre bhith beò reusanta aca.

Tha daoine ann am bailtean Sasannach a' cur feum air nas lugha de 70% den tuarastal chumanta.