Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

7 An t-Samhain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gàraidhean Luingeas

Tha luchd-obrach BAE Systems air ais aig an obair an-diugh an dèidh innse dhaibh gun caill faisg air 1,800 dhiubh an cosnadh, cha-mhòr leth dhiubh sin an Alba. Thuirt BAE gum fuirich gàraidhean Cluaidh fosgailte le planaichean arison nam bàtaichean cogaidh ùra Type 26 a thogail ann an sin. Thuirt Rùnaire na h-Alba, Alasdair MacIlleMhìcheil, gum bitheadh e doirbh do dh'Alba neo-eisimeileach an còrr chùmhnantan fhaighinn bho riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte. Ach thuirt Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, gum faigheadh Alba cùmhnantan, le co-obrachadh leis an riaghaltas ann an Lunnainn.

Tèarainnteachd

Bheir ceannardan MI5, MI6 agus GCHQ fianais do Chomataidh Fiosrachaidh agus Tèarainnteachd Thaigh nan Cumantan feasgar an-diugh. Tha fiosrachadh a chaidh a sgaoileadh bhon eòlaiche Aimeireaganach Eideard Snowden a' cur theagamhan anns an dòigh sa bheil na buidhnean sin air a bhith a' farchluais air daoine agus diofar bhuidhnean eile, agus air a bhith a' cruinneachadh fiosrachaidh.

Thuirt an duine a chruthaich an eadar-lìon, Sir Tim Berners-Lee, gu bheil buidhnean brathaidh mar GCHQ Bhreatainn, agus Buidheann Thèarainnteachd Nàiseanta nan Stàitean Aonaichte, air a bhith a' dèanamh cron air tèarainnteachd an eadar-lìn. Thuirt esan gu bheil iad air an siostam gu lèir a lagachadh le bhith a' faighinn fuasgladh air còdaichean a bha a' cur dìon air prìobhaideachd air-loidhne.

Sochairean

Chaidh Rùnaire na h-Obrach agus nam Peinnsean, Iain Donnchadh Mac a' Ghobhainn às àicheadh gun do chuir esan a' choire air luchd-obrach na Seirbheis Catharra airson fàiligeadh ann an sgeama nan sochairean coitcheann Universal Credit. Bha seo an dèidh do Chomataidh nan Cunntasan Poblach ann an Taigh nan Cumantan aithisg fhoillseachadh a tha ag ràdh gun deach na milleanan not a chall leis gu bheil droch stiùireadh air an sgeama sin. Tha na Làbaraich ag ràdh gum bu chòir do Mhgr Donnchadh Mac a' Ghobhainn aideachadh a-niste nach eil an sgeama ag obair.

Scottish Hydro

Chaidh iarraidh air riaghladair a' chumhachd Ofgem sùil a thoirt air Scottish Hydro, agus aithrisean ann gu bheil a' chompanaidh sin a' feuchainn ri stad a chur air luchd-cleachdaidh bho a bhith a' gluasad gu companaidh eile. Tha Ball-Pàrlamaid Earra-Ghàidheal is Bhòid, Ailean Reid, a' cumail a-mach gu bheil SSE - meur de Scottish Hydro - ag innse do luchd-cleachdaidh nach obraich an sgeama acasan 'Total Heating - Total Control' còmhla ri companaidhean eile. Thuirt Rùnaire na h-Alba, Alasdair MacIlleMhìcheil gu bheil a' cheist seo ag èirigh cuideachd san sgìre Pàrlamaid aige fhèin, Arcaibh is Sealtainn, agus gun cùm e sùil air na chanas Ofgem.