Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

8 An t-Samhain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Na Philipines

Tha stoirm cho mòr 's a chaidh a chlàradh riamh anns na Philipines, agus a' ghaoth ag èirigh gu 200 mìle san uair aig amannan. Tha aithrisean ann gun deach triùir co-dhiù a mharbhadh. Tha an typhoon air togalaichean a leagail agus air tuiltean mòra fhàgail às a dèidh. Tha sgìrean sna Philipines fhathast a' fulang an dèidh crith-thalmhainn air a' mhìos a chaidh.

Gàraidhean Cluaidh

Bha Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, agus Rùnaire an Ionmhais, Iain Swinney, aig coinneimh le manaidsearan, agus na h-aonaidhean ciùird aig gàraidhean soithich Chluaidh an-diugh. Tha dùil gun geàrr BAE Systems mu 800 cosnadh an Alba, ged nach eil fios le cinnt fhathast càite an tuit na gearraidhean sin.

An t-Aonadh Eòrpach

Thuirt Carlos Goan, àrd-oifigear na companaidh mòir chàraichean Nissan, gum feum iad beachdachadh air an obair anns an rìoghachd seo nam fàgadh Breatainn an t-Aonadh Eòrpach. 'S e Nissan a' chompanaidh chàraichean as motha a th' ann am Breatainn, agus 6,500 duine ag obair aca ann an Sunderland.

Referendum

Tha deasbad ann an Taigh nan Cumantan an-diugh air bile referendum mu àite Bhreatainn anns an Aonadh Eòrpach. Gheall Dàibhidh Camshron gum bi referendum ann ro 2017, ach tha cuid de na buill Thòraidheach ga iarraidh an ath-bhliadhna, ro thaghadh coitcheann ann an 2015.

Aois an Airm

Tha luchd-iomairt ag iarraidh air Ministreachd an Dìon àrdachadh gu 18 a thoirt air an aois aig am faod òigridh a dhol dha na feachdan armaichte. Tha Eaglais na h-Alba am measg na chuir an ainm ris an litir. Thuirt an MoD gu bheil an t-Arm a' toirt trèanaidh luachmhor do dh'òigridh, agus nach eil iad am beachd an aois atharrachadh.

Amsterdam

Thèid sianar de luchd-taic Celtic gu cùirt ann an Amsterdam an-diugh fo chasaid mu àimhreit sa bhaile sin ron gheama an aghaidh Ajax oidhche Chiadain san Champions League. Thuirt Celtic nach eil spèis sam bith aca do dh'fheadhainn a nì àimhreit, ach gum bi iad a' rannsachadh ghearainnean mun dòigh anns an deach dèiligeadh ri luchd-taic.