Misneachd bho fhèill stuic an Uibhist
- Air fhoillseachadh

Bu chòir croitearan agus tuathannaich Uibhist a Deas misneachd a ghabhail bho fèilltean stuic na seachdain seo leis gun do dh'èirich prìsean mairt còrr agus 40%.
Sin beachd Dhòmhnaill Mhoireasdain, bho United Auctions, a' chompanaidh a bha a' ruith na fèille.
Thuirt Mgr Moireasdan gun robh an stoc cho math 's a chunnaic e a-riamh aig na fèilltean ann am Loch Baghasdail.
"Cuide ris a sin bha luchd-ceannaich gu leòr a-staigh bho Thìr Mòr agus bha iad deònach deagh phrìs a thoirt orra.
"Bha daimh againn a' dèanamh còrr is £1,400 am bliadhna.
"Sin a' phris a b'àirde a chunnaic mise aig an fhèill ann an Loch Basghasdail.
"Bha laoigh againn nach robh ach naoi mìosan de dh'aois a' dèanamh mu £1,000 agus 's e prìs mhòr dha-rìribh a tha sin.
"Dh'fhàg sin daoine gu math toilichte, thuirt Mgr Moireasdan.
Bliadhna mhath
Thuirt Mgr Moireasdan gu bheil an aon sheòrsa phrìsean ri fhaighinn air feadh Alba agus gu bheil na prìsean air a bhith làidir san dà mhìos mu dheireadh.
Tha deagh bhliadhna air a bhith aig tuathanaich a tha a' ceannach stuic òig 'son a reamhrachadh.
Bha am bàrr gu math nas fheàrr agus bha biadh am pailteas an taca ris na bh' aca an-uiridh.
Thuit prìs an eòrna £80 an tonna air an àm seo an-uiridh agus dh'èirch prìs na feòla reamhaire 20sg an cìlo.
"Tha a h-uile sìan ag obrachadh ann am fabhar nam beathaichean òga a tha air a reic airson an àrachadh agus an reamhrachadh.
"Ach cuideachd, tha e a' dèanamh feum mhòr gu bheil daoine, mar a tha daoine a-muigh ann an Uibhist, tha iad a' toirt an aire a-nis, mur a bheil stoc ceart agad air a bheil cumadh dòigheil, agus mur a h-eil an stoc agad a tha an luchd-ceannaich ag iarraidh, chan fhaigh thu prìs air, agus tha daoine a' toirt an aire dhan sin agus tha iad air adhartas mòr a dhèanamh air an stoc a-muigh anns na h-eileanan ann an seo, agus tha sin a' cuideachadh leis a' phrìs," thuirt Mgr Moireasdan.
Uain
Tha Mgr Moireasdan ag ràdh gun robh prìsean glè mhath airson uain cuideachd.
Chaidh cuid a reic son £60.
B'e fèill na seachdain seo an treas tè aig United Auctions airson chaorach.
B'iad na h-uain as òige agus as lugha a bhathar a' reic Diardaoin.
Chaidh an fheadhainn as fheàrr a reic na bu thràithe.
Tha Mgr Moireasdan ag ràdh gun deach a' chuid as motha dhen stoc chruidh a reic taobh Obar Dheathain agus chaidh a' chuid as motha de na h-uain gu meadhan na h-Alba agus Sasainn.
"Tha mi a' smaoineadhadh gur e togail mòr a tha seo dha croitearan nuair a tha iad a' faighinn £1,000, feadhainn aca, agus glè fhaisg air £1,000 not 'son laoigh nach eil ach naoi mìosan de dh'aois.
"Tha mi a' smaoineachadh gur e togail inntinn mòr a tha seo, agus tha mi an dòchas gun deach iomadach duine dhachaigh à fèill Loch Baghasdail, agus ma 's e gun robh iad an dùil na mairt a chuir bhuapa, dh'fhaodadh gu bheil baraill eile aca a-nis.
"Tha mi an dòchas gum bi iad a' smaoineachadh gur e rud as fhiach a tha ann a bhith a' cumail mhart agus chaorach," thuirt Mgr Moireasdan.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh26 Am Màrt 2013
- Air fhoillseachadh22 An Lùnastal 2013