Urram do Dhonnchadh Bàn Mac an t-Saoir
- Published
Tha Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir am measg 12 duine eachdraidheil a tha gus urram fhaighinn fo sgeama ùr an Riaghaltais Albannaich.
Dh'ainmich Rùnaire a' Chultair, Fiona Hyslop, gun tèid bòrd pràis a chur suas ann an Dùn Èideann, far a bheil am bàrd air a thiodhlacadh.
Rugadh Donnchadh Bàn ann an Gleann Urchaidh ann an 1724, agus chaochail e ann an Dùn Èideann ann an 1812.
Tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh nam Manach Liath.
Foillseachadh
Thèid am bòrd a chur suas air Clobhsa Rosbrog sa bhaile, far an robh e a' fuireach.
Tha Sgeama nam Bòrd Cuimhneachaidh ag amas air beatha dhaoine a thug buaidh mhòr air diofar raointean de bheatha, a chomharrachadh.
Chaidh na daoine a mholadh leis an t-sluagh, agus chaidh an 12 duine a shoirbhich a thaghadh le panal neo-eisimeileachd de dh'eòlaichean.
'S e seo a' chiad bhladhna a tha an sgeama a' ruith.
Am measg nan ainmean eile tha John Logie-Baird, a chruthaich an telebhisean; James Watt, a rinn obair mhòr a thaobh cumhachd smùide; agus Archibald Findlay, Fìobhach a bha ag obair air gineachan a' bhuntàta, 's a chruthaich a' chiad sheòrsa buntàta a sheasadh ris a' ghaiseadh.
"Tha an sgeama seo a' comharrachadh cho farsainn 's a bha cruthaicheas dhaoine tàlantach ann an Alba, leithid fear de na bàird Ghàidhlig as ainmeile a th' againn, a bha cuideachd na nàdar de threòiriche ann am foillseachadh sa Ghàidhlig," thuirt Ms Hyslop.
"Chan e a-mhàin gu bheil a chuid bàrdachd fhathast ga leughadh - cha robh e riamh a-mach à clò," thuirt i.
Thuirt Anja Gunderloch, a mhol Donnchadh Bàn airson na sgeama:"Tha tarraing làidir, leantainneach aig bàrdachd Dhonnchaidh Bhàin, 's bu chòir sin a chomharrachadh anns a' bhaile san do rinn e a dhachaigh fad còrr is dà fhichead bliadhna. Tha mi air mo dhòigh gu bheil e a' faighinn leithid seo de dh'urram."