Aiseag Mhalaig ga chur dheth

  • Air fhoillseachadh
MalaigTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Tha muinntir Uibhist a Deas air a bhith a' strì iomadh bliadhna airson na seirbheis.

Chuir an droch shìde maill air a' chiad sheòladh 's an t-seirbheis aiseig ùir eadar Malaig agus Loch Baghasdail.

Bha dùil gum fàgadh an t-aiseag an MV Lord of the Isles Loch Baghasdail aig 06:00m Dimàirt, ach chaidh co-dhùnadh gun robh an t-sìde ro dhona sin a dhèanamh.

Mairidh an sgeama pìleat airson trì bliadhna, agus thèid i air ais agus air adhart air a t-slighe da thrup san là, Dimàirt agus Disathairne tro mhìosan a' Gheamhraidh.

Thug e iomairt fhada bho mhuinntir Uibhist a Deas gus an t-seirbheis aiseig fhaighinn.

Bha dùil ri faisg air 20 càr air an t-seirbheis Dimàirt.

Thuirt CalMac gur e briseadh dùil a th' ann dhaibhsan, mar a tha e don a h-uile duine, gun deach an t-seirbheis a chur dheth, ach gum feumadh iadsan sàbhailteachd an luchd-siubhail agus sgioba an t-soithich a chur air thoiseach air dad eile.

Tha dùil a-nis gum bi a' chiad sheòladh a Mhalaig ann Disathairne, ach tha dùil ri gaoith làidir air a' mhadainn sin cuideachd.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh