£8m ga chosg a' leasachadh Port Steòrnabhaigh

Iomhaigh dhen Loch Seaforth
Image caption Tha an Loch Seaforth ga togail an-dràsta agus tha dòchas gum bi i a' seòladh eadar Steòrnabhagh agus Ulapul as t-Samhradh 2014.

Cosgaidh Ùghdarras Port Steòrnabhaigh mu £8m air a bhith a' leasachadh a' phuirt.

Thèid àite nas motha a dhèanamh dha carbadan agus thèid cidhe an aiseig a leasachadh.

Tha a' bhuidheann cuideachd an dùil alt-aiseig ùr a chur aig cidhe eile sa phort, a ghabhadh a chleachdadh nam biodh am fear a th' ann an-dràsta briste.

Tha an obair seo ga dèanamh leis gu bheil bàt-aiseig ùr gu bhith a' seòladh eadar Steòrnabhagh agus Ulapul.

Tha dùil gun tèid an MV Loch Seaforth a chur air bhog sa Ghearran an ath-bhliadhna agus gun tòisich i ann an seirbheis san Iuchar.

Cha bhi, ge-tà, an obair-ullachaidh aig a' phort deiseil mun àm a thig i.

Leudachadh

Tha dà chidhe gan cleachdadh leis na h-aiseagan a th' ann an Steòrnabhagh an-dràsta.

Bidh am bàt-aiseig bathair, an Clipper Ranger, a' cleachdadh cidhe 1 leis an Isle of Lewis stèidhichte aig cidhe 3.

San ùine fhada bidh an Loch Seaforth a' cleachdadh cidhe 3.

Tòisichidh obair mhòr air a' chidhe sin sa Ghearran.

Nithear rùm ann dha carbadan-bathair, a bhios a' dol air an Loch Seaforth cuide ri luchd-siubhail eile, seach air bàta-bathair fa-leth mar a tha a' tachairt an-dràsta.

Airson sin a dhèanamh feumar barrachd rùm agus le sin thathas a' dol a chur ris a' chidhe a th' ann le a bhith a' lionadh pàirt den chala aig ceann Newton den làraich.

Thuirt àrd-innleadair na companaidh dealbhachaidh URS, a tha an urra ris an obair, Raibeart Clegg, gu bheil e cudromach leithid de dh'àite a chur mu seach, ged a bhios e falamh tòrr den ùine.

Bidh an t-àite-pàrcaidh 'son chàraichean eadar-dhealaichte cuideachd.

Thuirt an t-ùghdarras gum bu chòir dùil a bhith aig luchd-siubhail ri buaireadh aig a' phort leis gu bheil uidhir de dh'obair aca ri dhèanamh ann an ùine cho gann.

Fhad 's a tha an obair ga dèanamh air cidhe 3, bidh an Isle of Lewis a' seòladh a-mach 's a-steach à cidhe 1.

Dh'aidich Mgr Clegg nach bi an obair deiseil mus tig an Loch Seaforth.

Bidh iad fhathast ag obair air cabhsairean is eile, agus air a' ghoireas a tha a' ceangal ris a' bhàta airson luchd-siubhail a tha a' coiseachd air bòrd fhaighinn air a' bhàta.

Bu chòir gum bi an obair sin deiseil san t-Sultain.

Alt-aiseig

Cha bhi a' chùis seachad aig a sin.

Thuirt Àrd-oifigear Ùghdarras Port Steòrnabhaigh, Sìne NicÌomhair gu bheil iad a' cur feum air alt-aiseig ùr aig cidhe 1 gun fhios nach tèid càil ceàrr aig cidhe 3.

Tha iad airson dèanamh cinnteach gum faigh am bàta a-steach.

"Seo rud a dh'fheumas sinn a dhèanamh.

"Tha sinn den bheachd gur iad na h-altan-aiseig am bun-structair as cudromaiche san eilean.

"Ma 's e dìreach aon a th' againn as urrainn ceangal ris an aiseig ùr, tha e gar fàgail ann an suidheachadh cugallach dha-rìribh," thuirt Ms NicÌomhair.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile