Bile an Referendum sa Phàrlamaid
- Air fhoillseachadh
Thèid am bile tro Phàrlamaid na h-Alba Diardaoin a bheir cead seachad airson an referendum air neo-eisimeileachd.
Thèid an cuspair a chur ri muinntir na h-Alba air an 18mh là den t-Sultain an ath-bhliadhna.
Bheir am bile bunaid laghail dhan referendum.
Tha e a' stèidheachadh riaghailtean an referendum, agus na dh'fhaodas na h-iomairtean a chosg.
Thèid a dheasbad le buill air thoiseach air bhòt, leis a h-uile coltas ann gun tèid e troimhe.
Chaidh na th' anns a' bhile aontachadh roimhe ann an Aonta Dhùn Èideann, eadar Riaghaltas Bhreatainn agus Riaghaltas na h-Alba.
Feumaidh an t-aonta sin a bhith air a dhèanamh na lagh ge-tà, le bhith a' cur a' bhile tron Phàrlamaid.
Bidh 16 seachdainnean de dh'iomairt ann ro là an referendum, le casg air na dh'fhaodas gach taobh a chosg.
Thèid a' bhòt a chumail fo shùil Choimisein an Taghaidh, a tha an urra ri bhith a' dearbhadh gu bheileas a' cumail ris na riaghailtean, agus ri bhith a' cur fiosrachaidh mu dheidhinn an referendum mu choinneimh an t-sluaigh.
Chaidh reachdas fa-leth, a bheir cead do dhaoine aois 16 agus 17 bhòtadh san referendum a chur troimhe mar thà.