Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

14 An t-Samhain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Gàraidhean Shoithichean

Thuirt ceannardan aonaidh aig gàraidhean shoithichean na h-Alba gum fairich a h-uile ìre den luchd-obrach aig na trì gàraidhean buaidh ghearraidhean BAE. Tha 800 obair a' falbh aig gàraidhean Bhaile a' Ghobhainn, Scotstoun, agus Ros Saoidhe. Falbhaidh na h-obraichean thar trì bliadhna. Tòisichear Diluain a' sireadh dhaoine a tha deònach an obraichean fhàgail le an toil.

Feachd nam Poileas

Tha Rùnaire a' Cheartais, Coinneach MacAsgaill, air a bhith a' dìon na dòigh a chaidh na h-ochd feachdan poilis ann an Alba a thoirt còmhla. Thuirt e gur e an t-atharrachadh as motha a rinnear anns an roinn phoblaich bho thòisich fèin-riaghladh, ach gun gabhadh rud ionnsachadh bhuaithe. Thog aithisg le Buidheann Sgrùdaidh na h-Alba ceist mun ghealltanas gun deadh £1bn a shàbhaladh le bhith a' stèidheachadh aon fheachd a-mhàin.

Na h-Eileanan Filipìneach

Thuirt Co-òrdanaiche Obair-Dhaonnachd nan Dùthchannan Aonaichte, Valerie Amos, gu bheil an UN air daoine anns na h-Eileanan Filipìneach a leigeil sìos, seach nach d'fhuair iad taic dhan fheadhainn a tha a' fulang ri linn Typhoon Haiyan nas luaithe. Seachdain an dèidh na stoirme mòire, tha soitheach phlèanaichean Aimeireaganach air Leyte a ruighinn.

Bile an Referendum

Tha dùil gun tèid reachdas a tha a' ceadachadh referendum air neo-eisimeileachd na h-Alba tron ìre Phàrlamaid mu dheireadh aig Holyrood an-diugh. Anns a' bhile aig an SNP tha riaghailtean an referendum leithid a' cheist a bhios ann, agus na bhios ceadaichte a chosg anns an iomairt ro-làimhe.

Pàirce Nàiseanta na Hearadh

Thuirt Comhairle nan Eilean Siar gun coimheadadh iad a-rithist ri pàirce nàiseanta a stèidheachadh anns na Hearadh nan tigeadh iarrtas bhon t-sluagh. Tha seo an dèidh dhan bhuidhinn Ramalairean na h-Alba ìmpidh a chur air a' Phàrlamaid Albannaich pàirce nàiseanta eile a stèidheachadh. Bha na Hearadh am measg seachd àiteachan a mhol iad mar sgìrean a bhiodh freagarrach airson leithid de dh'inbhe.

Èigneachadh armaichte

Tha Poilis a' sireadh fireannaich a thug ionnsaigh dhrabasta air boireannach na dachaigh ann an Siorrachd Lannraig, agus e aig an aon àm a' bagairt losgadh oirre le gunna. Ghoid e an uair sin an carbad BMW aice. Thachair an ionnsaigh aig tuathanas ann an Salsburgh, faisg air Shotts, mu 08:30m air a' 5mh là den t-Sultain. Thuirt na Poilis gur ann an-dràsta a bha iad a' foillseachadh fiosrachaidh mun chùis, leis gun robh iad roimhe an sàs ann an rannsachadh os ìosal airson feuchainn ri faighinn a-mach cò an duine a bh' air cùl na h-ionnsaigh. Cha robh am boireannach a' cur feum air leigheas anns an ospadal, ach chaidh a fàgail gu math troimhe-chèile.

Eaconamaidh Sòn an Euro

Dh'èirich eaconamaidh Sòn an Euro dìreach 0.2% anns na trì mìosan gu deireadh an t-Sultain, le àrdachadh de 0.3% sa chairteal ron a sin. Thàinig crìonadh ann an torradh na Frainge agus na h-Eadailte, ach bha àrdachadh ann an torradh na Gearmailt.