Leabhar Sgithidh Albannach ùr
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Allister Combe/Geograph
Tha na slighean comharraichte a' tàladh mòran, ach 's fheàrr le cuid de luchd-sgithidh slighean ùra fheuchainn.
Tha leabhar le comhairle mu a bhith a' sgitheadh agus a bhith air bùird-shneachda far shlighean comharraichte ga fhoillseachadh Dihaoine.
Thathas a' tuigsinn gur e a' chiad leabhar de a sheòrsa airson Alba.
Tha an leabhar, a chaidh a sgrìobhadh le Coinneach Biggin, ga fhoillseachadh aig Ionad-Sgithidh an Aonaich Mhòir ann an Loch Abar.
Anns an leabhar "Scottish Offpiste Skiing and Snowboarding: Nevis Range and Ben Nevis" tha fiosrachadh agus dealbhan mu shlighean nach eil comharraichte.
Tha an seòrsa sgithidh a tha seo air a dhèanamh air falbh bho shlighean agus lioftaichean aig ionadan sgithidh.
Dh'fhosgail seusan sgithidh na h-Alba aig a' Chàrn Ghorm faisg air an Aghaidh Mhòir bho chionn beagan làithean.