Aiseag air ruith eadar Loch Baghasdail is Malaig
- Air fhoillseachadh
Sheòl a' chiad aiseag ann an sgeama pìleat eadar Loch Baghasdail agus Malaig feasgar Disathairne.
Chaidh na trì seòlaidhean roimhe seo - Dimàirt, agus madainn Disathairne, a chur dheth ri lìnn na droch shìde.
Tha beachd ann an Uibhist gum bu chòir an t-seirbheis a bhith ann fad na bliadhna.
Bha muinntir an eilein a' strì o chionn iomadh bliadhna airson an t-seirbheis a chur a Mhalaig mar a b'àbhaist, seach dhan Òban.
Fasgadh
Bha an Loch Mòr a' frithealadh Uibhist, agus àiteachan eile, a-mach à Malaig gu 1964. Ach bha an t-slighe mu dheireadh eadar Loch Baghasdail agus Malaig anns na 1990an.
"Nuair a bha mi a' dol a dh'fhalbh a dh'obair aig seachd bliadhna deug, 's ann air an aiseag a thàinig mi tarsainn gu Malaig," thuirt Agnes Nic an t-Saoir.
"Sin a' chiad uair a bha mi air bàta, agus air trèana, a thug a Ghlaschu mi," thuirt i, agus i air bòrd a' chiad sheòlaidh den t-seirbheis ùir.
Tha an seòladh eadar Loch Baghasdail agus Malaig nas giorra, agus tha barrachd fasgaidh ann, na an seòladh dhan Òban.
Bha feadhainn às Uibhist a Tuath, Beinn nam Fadhla, agus Barraigh air an t-seòladh Disathairne.
"'S e seirbheis gu math freagarrach a tha seo, agus b'fheàrr leam fhìn gun robh an t-seirbheis a tha seo a' ruith à Barraigh a Mhalaig," thuirt Dòmhnall Caimbeul, à Barraigh.
"Agus tha mi an dèis a bhith ag ràdh sin o chionn deagh ùine a-niste. Bhiodh e fada fada na b'fheàrr seach a bhith a' dol dhan Òban," thuirt e.
Tha gun deach trì seòlaidhean a chur dheth ri linn na droch shìde, a' cur ris an iarrtas gun tèid an t-seirbheis a ruith as t-Samhradh.
"Tha iad a' dèanamh an deuchainn a tha seo airson trì bliadhna air feadh a' Gheamhraidh," thuirt Mgr Caimbeul.
"Chanainnsa gum biodh e nas fhreagarraiche seo a dhèanamh as t-Samhradh, agus gheibheadh iad leughadh nas fheàrr dè cho tarraingeach 's a bhitheadh an t-seirbheis.
"Fada fada na b'fheàrr as t-Samhradh. Ach chan eil e gu diofar dè an t-seirbheis a th' ann aig an àm seo den bhliadhna, cuiridh an aimsir dheth na seirbheisean," thuirt e.
Chan e muinntir Uibhist is Bharraigh a-mhàin a tha a' cur fàilte air an t-seirbheis ùir ge-tà, agus muinntir Mhalaig a' faicinn gum faigh iadsan buannachd àiste cuideachd.
"Ma thèid thu suas an cnoc a tha sin, Cnoc Mhalaig, chì thu a' Bheinn Mhòr is Uibhist a Deas a-nall," thuirt Ailean MacEanraig, a tha a' fuireach am Malaig.
"Nise, ma 's math mo chuimhne, cha dèanadh tu sinn anns an Òban.
"Tha rathad ùr againn a-nis eadar Malaig is an Gearasdan.
"Mar a tha fhios againn uile, tha an t-iasgach an seo a' dol dheas.
"Agus mar sin, tha e cudromach rud sam bith fhaighinn a tha a' cumail na coimhearsnachd seo beò agus a' cumail obair agus airgid anns an àite seo fhèin," thuirt e.
Tha cuid den bheachd gu bheil na h-Eileanan Beaga a' dèanamh na slighe nas sàbhailte na an t-slighe dhan Òban cuideachd.
"Tha thu san fhasgadh fad an t-siubhail," thuirt Mìcheal Curry, a tha a' teagasg sgilean na mara aig Colaiste Taobh Siar na Gàidhealtachd.
"Ma thig thu a-mach à Malaig, chan eil e gu diofar dè an rathad a tha a' ghaoth, tha fasgadh nan eileanan agad.
"Tha fasgadh an Eilein Sgitheanaich a-muigh san tuath, fasgadh Rùim is Eige 's Canaigh a-muigh anns an deas, agus nuair a gheibh thu a-mach ceann Chanaigh, tha fichead mìle agad ri dhol tarsainn a dh'ionnsaigh Loch Baghasdail, 's tha fasgadh nan eileanan thall an an sin agad.
"Ma tha thu a' tighinn a-nuas rathad an Òbain, tha thu a' fàgail Loch Baghasdail, 's tha 40 no suas ri 50 mìle agad ri dhol mun tig thu a-staigh am fasgadh Caoil Mhuile.
"Tha sin a' dèanamh diofair mhòir sa Gheamhradh fhèin.
"Bheir e feadhainn a-steach. Thig iad a-nall à Uibhist sa mhadainn, 's faodaidh iad a dhol air ais feasgar,
"Gheibh iad trì uairean an uaireadair no an còrr shuas sa Ghearasdan," thuirt e.
Bidh an aiseag ùr a' ruith dà là san t-seachdain, Dimàirt agus Disathairne.
Fàgaidh i Loch Baghasdail aig 06:0m, agus bidh i ann am Malaig aig 09:30m.
Tillidh i an uair sin aig 09:45m, 's a' ruigsinn Uibhist aig 1:15f.
Bidh dà sheòladh ann feasgar cuideachd, a' fàgail Uibhist a Deas aig 2:00f, agus a' falbh à Malaig aig 6:15f.