Crann-togail "bunaiteach" do bhàs John MhicFhionnghain

John MacFhionnghain Image copyright Other
Image caption Bhàsaich Mgr MacFhionnghain air làrach na tubaiste.

Chuala rannsachadh mu bhàs fhir às an Eilean Sgitheanach, a chaochail nuair a chaidh gath dealain troimhe ann an 2011, gur dòcha gun robh co-dhùnadh an crann-togail aige a ghluasad airson tarraing nas fheàrr fhaighinn dhan fhòn-làimhe aige, bunaiteach dhan chùis.

Chaochail John MacFhionnghain, a bha 65 agus a bhuineadh do Chrosail, nuair a bhuail an crann-togail air làraidh anns an robh e, loidhnichean dealain.

Bha e a' ruith companaidh làraidhean Skye Transport fad iomadh bliadhna.

Thachair an tubaist ann an coille eadar Caol Àcainn agus an t-Ath Leathann, ann an ceann a deas an eilein, air 22na an Dùbhlachd 2011.

Chaidh an carbad na theine, agus thuirt na Poilis gun deach Mgr MacFhionnghain fhaighinn marbh aig làrach na tubaiste, mu dheich meatair bhon làraidh.

B'fheudar an dealan dhan eilean, agus dha na h-Eileanan an Iar a ghearradh dheth buileach fhad 's a bha na seirbheisean èiginn a' dèiligeadh ris a' chùis.