Lagh dùnadh sgoiltean gus atharrachadh
- Published
Tha Riaghaltas na h-Alba am beachd an lagh a thaobh a bhith a' dùnadh sgoiltean dùthchail, às dèidh ath-sgrùdaidh air foghlam air an tuath atharrachadh.
Chaidh Coimisean Lìbhrigidh an Fhoghlaim Dhùthchail a chur air bhonn o chionn dà bhliadhna, às dèidh connspaid mu dhùnadh sgoiltean anns na h-Eileanan Siar, agus ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.
Am measg nam molaidhean a tha an Riaghaltas a-nis gus cur san lagh, tha gum bi pròiseas a' cho-dhùnaidh as tro-fhaicsinnich gus am bi pàrantan agus coimhearsnachdan nas fhiosrachaile, agus gus am faod iad pàirt a ghabhail ann.
Tha iad cuideachd air am poileasaidh gum bu chòir a bhith an dùil gun sgoiltean dùthchail a dhùnadh a shoillearachadh.
Dh'fheumadh cuideachd fiosrachadh mionaideach ionmhasail mu sgoiltean a bhith air fhoillseachadh le ùghdarrasan ionadail a dh'iarradh sgoil a dhùnadh.
Dh'fheumadh oifigich cuideachd a bhith a' sìor-shealltainn gur ann gu maith foghlaim na cloinne a bhiodh dùnadh sgoile.