Àrd-Eaglais airson fàgail

Àrd-Eaglais Steòrnabhaigh
Image caption Cumaidh Clèir Leòdhais bhòt oifigeil às leth Eaglais na h-Alba an t-seachdain seo.

Bhòt coithional na h-Àrd-Eaglaise ann an Steòrnabhagh Eaglais na h-Alba fhàgail ri linn ceist nam ministearan gèidh.

Ged a bha a' bhòt neo-oifigeil ann an sùilean Clèir Leòdhais agus Eaglais na h-Alba, tha i a' dearbhadh cho làidir 's a tha an coithional a' faireachdainn mun chùis.

Bhòt 395 ball den choithional, le 313 airson fàgail.

Bhòt 72 gun robh iad airson fuireach am broinn Eaglais na h-Alba.

Bha 71 bhall nach do bhòt idir.

Tha dùil a-nis gum fàg an coithional an eaglais, agus gun tèid iad fo sgèith eaglaise eile, le cuid den bheachd gur i an Eaglais Shaor as coltaiche.

Tha Eaglais na h-Alba ag ràdh gu bheil e na h-amas an Àrd-Eaglais a chumail ann an Eaglais na h-Alba, agus nach robh a' bhòt oifigeil.

Tha Clèir Leòdhais a' cumail bhòta às leth Eaglais na h-Alba air a' chùis, agus tha dùil ri dearbhadh air a' cho-dhùnadh aig deireadh na seachdaine.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile