Cuimhnichean na Camanachd
- Air fhoillseachadh

Tha pròiseict ùr ga cur air bhog a tha ag amas air cuideachadh a thoirt do dhaoine air a bheil dementia.
Thèid seann dealbhan is eile bho shaoghal na camanachd a chleachdadh gus feuchainn ri cuimhne dhaoine a dhùsgadh.
'S ann stèidhichte air an aon sheòrsa pròiseict ann am ball-coise a tha an gnothach agus thèid a stiùireadh le Alzheimer na h-Alba bho Phàirce Hampden.
Tha a' bhuidheann ag ràdh gu bheil pròiseict a' bhuill-choise air soirbheachadh gu mòr, a' cuideachadh dhaoine le dementia cuimhneachadh air làithean a dh'fhalbh agus a' toirt buaidh air an cuid misneachd.
Bidh seiseanan - a mhaireas eadar eadar 60 is 80 mionaid - ann an sgìrean mar Bhàideanach, Loch Abar agus 's dòcha an t-Eilean Sgitheanach is Taobh Siar Rois an toiseach, feuch dè cho math 's a tha a' phròiseict ag obair.
Ma shoirbhicheas leatha, thèid a sgaoileadh gu sgìrean eile.
Dh'fhaodadh cuideachd gun tèid a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig.
Thathas ag iarraidh air daoine a bhiodh deònach trèanadh a dhèanamh agus cuideachadh a thoirt seachad aig na seiseanan tighinn air adhart.
A bharrachd air sin, tha feum air seann dealbhan is stuthan eile a bharrachd co-cheangailte ri camanachd.
Thig an t-uabhas de na dealbhan cuideachd bhon stòras aig eòlaiche na h-iomain, Uisdean MacIllinneinn.
"Tha an innleachd bhall-coise air dearbhadh gu bheil e na fheum do dhaoine a bhith ag amas air pàirt den t-saoghal aca nach eil cho follaiseach agus do dh'fhireannaich gu sònraichte tha ball-coise air a bhith mòr nam beatha," thuirt Uisdean.
"Ann an saoghal na camanachd dh'fhaodadh sin bualadh air teaghlaichean ann an iomadh dòigh o chionn 's tha fios againn gu bheil camanachd làidir ann an teaghlaichean agus ann an coimhearsnachdan.
"Tha buannachd ann a dh'fhaodadh sgaoileadh fada is farsaing, a bharrachd air dìreach a bhith a' bualadh air aon neach air a bheil dementia," thuirt e.
Thathas an dùil gur e deagh chothrom a tha seo cuideachd barrachd dhealbhan a chruinneachadh 'son tasglann nàiseanta a stèidheachadh dhan spòrs.
Tha taic dhan phròiseict cuideachd a' tighinn bho Chomann na Camanachd fhèin.