Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

20 An t-Samhain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Pòsaidhean Aon-ghnèitheach

Tha dùil gun cuir buill ann am Pàrlamaid na h-Alba taic a-nochd ris a' bhile a bheireadh cead do phòsaidhean gèidh nuair a bhòtas iad air airson a' chiad uair. Tha a' chùis connspaideach, agus mòran eaglaisean ag ràdh gun diùlt iad gnothach a ghabhail ri seirbheisean den t-seòrsa sin.

Corroboration

Thuirt Àrd-Bhritheamh na h-Alba gu bheil an t-earrann den lagh ris an canar Corroboration, far a bheil feum air barrachd is aon dearbhadh air fianais, na bunaid air siostam ceartais na h-Alba nach bu chòir atharrachadh. Thuirt am Morair Gill ri Comataidh a' Cheartais ann am Pàrlamaid na h-Alba gu bheil a h-uile britheamh an Alba, ach aon duine, agus a' mhòr-chuid de luchd-lagha na dùthcha an aghaidh atharrachaidh. Tha Riaghaltas na h-Alba a' coimhead air an lagh atharrachadh mar dhòigh air barrachd dhaoine a dhìteadh airson eucoir, gu h-àraid ann an cùisean èigneachaidh.

Trioblaidean Èireann a Tuath

Thuirt Àrd-Neach-Tagraidh Èireann a Tuath nach bu chòir duine a dhìteadh tuilleadh airson dad a thachair ro aonta na sìthe ann an 1998. Agus thuirt John Larkin gu bheil e ag iarraidh casg cuideachd air sgrùdaidhean agus rannsachaidhean eile co-cheangailte ri trioblaidean eachdraidheil na sgìre.

Reubaltaich Thòraidheach

Thug Rùnaire an Dìon, Phillip Hamond, rabhadh do Bhuill-Phàrlamaid Thòraidheach gum faodadh iad cron mòr a dhèanamh air feachd an Airm le bhòtadh an aghaidh plana an Riaghaltais ann an Taigh nan Cumantan feasgar. Agus tha Phillip Hamond a' fàgail air na Làbaraich gu bheil iad fhèin a' cur an Airm ann an cunnart le bhith a' gealltainn gum bhòt iad còmhla ris na reubaltaich Thòraidheach an-diugh.

Dùn Dè

Cha do shoirbhich idir le oidhirp Dhùn Dè air inbhe mar Bhaile Cultarail na Rìoghachd Aonaichte ann an 2017. Chaidh an inbhe sin a thoirt do Hull. Ach thuirt an sgioba a bh' air cùlaibh iomairt Dhùn Dè gun lean iad orra le sgeama a bheir ath-nuadhachadh air a' bhaile.

Croitearan

Gheibh croitearan tuilleadh ùine airson freagairt a thoirt do cho-chomhairleachadh Choimisein na Croitearachd mu riaghailtean ionaltraidh agus clàraidh. Chuir an Coimisean 300 bileag a-mach ag iarraidh bheachdan. Ach an dèidh do mhòran chroitearan innse gu bheil iad ag iarraidh tuilleadh ùine, chaidh an ceann-là a leudachadh bho Dhihaoine seo tighinn dhan 6mh là den Dùbhlachd.