Adhartas do dh'Ionad Hiort
- Published
Tha a' phròiseict gus Ionad Hiort a stèidheachadh an Ùig an Leòdhas air gluasad air adhart.
Dh'innis a' bhuidheann Ionad Hiort Eta gu bheil làrach a-nise aca agus aithisg bho luchd-sgrùdaidh air mar a ghabhas a' phròiseict a chur an gnìomh.
'S ann aig Geodha Sgoilt a bhios an t-ionad stèidhichte is an t-uachdaran, Oighreachd Ùige is Hamnabhagh, air am fearann a thoirt seachad.
Feumar a-nise aonta a ruighinn le Comataidh Ionaltraidh Mhangurstaidh gus an gabh an talamh a thoirt a-mach à croitearachd.
Cead-dealbhachaidh
Thèid cead-dealbhachaidh a shireadh an uair sin 'son an t-ionad a thogail.
Tha aithisg bho luchd-sgrùdaidh cuideachd air togail air na buannachdan a bhiodh an cois an leasachaidh.
Chaidh a chur ri chèile le Anndra Ormston bhon chompanaidh Drew Wylie Eta, le taic-airgid bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean.
Fhuair Mgr Ormston gu bheil an t-eòlas agus na sgilean anns an sgìre gus pròiseict mar seo a thoirt gu buil.
Thèid sgrùdadh nas mionadaiche a dhèanamh a-niste, a thèid air a' cheann-thall gu buidhnean a dh'fhaodadh taic-airgid a chur ris a' phròiseict.
Misneachadh
Tha Ionad Hiort Eta ag ràdh gu bheil iad air am misneachadh.
"Bha e follaiseach bho thùs nach dèanadh a' bhuidheann ionadail againn leinn fhìn a' chùis air an t-airgead air fad a thogail," thuirt cathraiche na buidhne, Iain Bochanan.
"Bha fios againn gum feumadh sinn taic bhon taobh a-muigh agus tha aithisg Anndra Ormston air sealltainn dhuinn mar a nì sinn sin.
"Bha sinne mothachail bho thoiseach a' ghnothaich gun toireadh e ùine a' phròiseict seo a thoirt gu buil, ach tha sinn den bheachd gun fhiach e an t-saothair is gum bi buannachdan mòra ann do Sgìre Ùige agus na h-Eileanan an Iar san fharsaingeachd," thuirt e
Dh'innis Mgr Bochanan gu bheil a' bhuidheann a' creidsinn gum bi 2014 garbh chudromach gus a' phròiseict a ghluasad air adhart.