Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

22 An t-Samhain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Highers

Leig Riaghaltas na h-Alba fhaicinn gun leig iad le sgoiltean dàil a chur ann an siostam ùr nan deuchainnean Highers anns na h-àrd-sgoiltean. Tha a' chiad dheuchainnean ri tòiseachadh ann an 2015. Ach thuirt an Riaghaltas gun leig iad le ceannardan sgoile cead a thoirt do chloinn na seann deuchainnean Higher a shuidhe nan àite. Tha tidsearan air a bhith a' gearain gum fàgadh na deuchainnean ùra, agus an Curriculum airson Sàr-Mhàitheis cus obrach aca.

Tràilleachd

Tha poilis ann an Lunnainn fhathast a' rannsachadh cùis triùir bhoireannach a chaidh a chumail an aghaidh an toil airson 30 bliadhna ann an taigh anns a' bhaile. Chaidh dithis a chur an grèim agus a shaoradh air urras co-cheangailte ris a' chùis. Tha an triùir bhoireannach a' faighinn taic is comhairle, 's e coltach gu bheil iad a' fulang buaidh na thachair dhaibh. Chaidh na boireannaich a shaoradh bho thaigh ann an Lambeth ann an ceann a deas Lunnainn air a' mhìos a chaidh.

Paul Flowers

Chuir poilis ann an Yorkshire sean cheannard Banca a' Cho-op Paul Flowers an grèim 's iad a' rannsachadh eucoir dhrogaichean. Chaidh film a chlàradh de Mhgr Flowers, a tha 63, agus e coltach gun robh e a' ceannach cocaine. Chaidh a chasg an dèidh sin mar mhinistear san eaglais Mhethodist, agus bhon Phàrtaidh Làbarach.

Companaidhean Cumhachd

Dh'innis riaghladair a' chumhachd, Ofgem, do chòig de na sia companaidhean mòra a tha a' cumail an dealain ri Breatainn gum feum iad am prìsean a ghearradh. Dhiùlt Ofegem na planaichean airson na h-ùine eadar 2015 agus 2023. 'S e dìreach aon chompanaidh, Western Power Distribution, aig a bheil mu ochd millean de luchd-cleachdaidh eadar a' Chuimrigh agus Sasainn, a fhuair aonta Ofgem, leis gun toir iad sin mu 11% far nam prìsean. Thig air na companaidhean planaichean ùra a thilleadh anns a' Mhàrt an ath-bhliadhna.

Am Posta Rìoghail

Thug riaghladair a' phuist rabhadh dhan Phost Rìoghail gum feum iad seirbheis nas fheàrr a thoirt seachad. Chaidh innse do Royal Mail mur a toir iad seirbheis an ath-là aca gu ìre nas fheàrr, gun tèid càin orra. Tha Ofcom ag ràdh gum bu chòir dhan phost faighinn gu 92% den t-sluagh aon là an dèidh a chur dhan phost, ach nach eil an t-seirbheis an-dràsta a' faighinn ach gu 62%.