Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

26 An t-Samhain 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Am Pàipear Geal

Dh'fhoillsich Prìomh Mhinstear na h-Alba argamaid airson neo-eisimileachd ann an pàipear geal ag innse dè tha an SNP a' sùileachadh do dh'Alba mar dhùthaich air leth bhon Rìoghachd Aonaichte. Thuirt Ailig Salmond ann an Glaschu gu bheil cor na dùthcha a-nis an urra ri muinnir na h-Alba iad fhèin. Thuirt e gu bheil am pàipear a' toirt freagairt do 650 ceist air rudan mar an eaconamaidh, siostam nan sochairean agus buaidh air dìon na dùthcha. Thuirt Mgr Salmond gun cuireadh an SNP poileasaidh eaconomaigeach air bhonn a rèir na bhiodh a dhìth air Alba. Am measg rudan eile chuireadh iad às do chìsean nan seòmraichean leapa, bhiodh 30 uairean gach seachdain do chùram chloinne eadar trì is ceithir bliadhna a dh'aois. Thuirt Mgr Salmond cuideachd gun deigheadh bàtaichean-aigeil niuclasach Trident a ghluasad bho Linne Chluaidh ro dheireadh a' chiad sheisean den Phàrlamaid ann an Alba neo-eisilmeileach. Tha am pàipear ag ràdh gun cuireadh an SNP Am Posta Rìoghail air ais fo smachd na stàit, gun èireadh an tuarastal as lugha a rèir na h-atmhorachd, agus bhon Ghiblean 2016 gum biodh £160 gach seachdain ann am peinnsean na stàit.

Achd nan Eilean

Thuirt Ceannard Chomhairle nan Eilean Siar gu bheil e ag iarraidh chumhachdan ùra fo Achd nan Eilean a chur an sàs an-dràsta seach an dèidh an referendum an ath-bhliadhna. Bha Aonghas Caimbeul a' bruidhinn an dèidh chòmhraidhean eadar riochdairean nan Eilean Siar, Arcaibh is Sealtainn agus Riaghaltas na h-Alba. Bidh tuilleadh chòmhraidhean ann an t-seachdain seo eadar riochdairean nan eilean agus Riaghaltas Westminster.

Triùir marbh an dèidh tubaist rathaid

Chaidh triùir dheugair a mharbhadh ann an tubaist rathaid air Taobh Sear Lodainn. Tha an ceathramh duine òg ann an ospadal an dèidh tubaist le aon chàr aig Tyninghame feasgair an-dè.

Cùirtean na h-Alba

Thuirt an àireamh dhaoine a tha a' dol mu choinneimh nan cùirtean ann an Alba airson an t-siathamh bliadhna ann an sreath. Bha 21% nas lugha ann de dhìteadh an aghaidh dhaoine òga fo 21 bliadhna a dh'aois. Chaidh àireamh nas lugha dhan phrìosan, ach bha àireamh nas motha ann air an deach seirbheis anns a' choimhearsnachd mar pheanas.

Àrdachadh bàis

Tha figearan ùra ag ràdh gu robh àrdachadh mu 20% air an àireamh de bhàs leis an aimsir fhuair air a' gheamhradh mu dheireadh. Bha 131,000 bàs a bharrachd ann agus a' mhòrchuid dhiubh sin am measg dhaoine nas sine na 75 bliadhna a dh'aois. B' e mìos na Màirt am-bliadhna an dàrna tè as fhuaire a chaidh a chlàradh a-riamh.