Draghan mu fhrith-rathaidean anns na monaidhean

Slighe ann an Achadh na Sìne Image copyright Ramblers Scotland
Image caption Tha buidhnean iomairt airson 's gum biodh feum air cead-dealbhachaidh fhaighinn mus deigheadh slighean a thogail.

Dh'iarr luchd-glèidhteachais air Riaghaltas na h-Alba riaghailtean ùra a chur an gnìomh mu bhith a' togail frith-rathaidean anns na monaidhean.

Tha a bhith a' togail shlighean ùra do charbadan air beanntan air a' bhith connspaideach bho chionn fhada.

Tha buidhnean iomairt ag ràdh gu bheil na duilgheadasan leotha a' fàs.

Tha Urras Nàiseanta na h-Alba, Urras Iain Muir agus Ramalairean na h-Alba am measg bhuidhnean a tha air tighinn còmhla, 's iad ag iarraidh atharrachaidhean san lagh.

Tha iad airson 's gum biodh feum air cead-dealbhachaidh fhaighinn mus deadh slighean a thogail.

Tha uachdarain ag ràdh gu bheil na slighean riatanach dhaibh agus iad ag argamaid gun robh feum air a' chuid as motha dhiubh air cead-dealbhachaidh mar thà.

Tha Ministear an Dealbhachaidh, Derek MacAoidh, air fàilte a chur air aithisg ùr nam buidhnean iomairt, ag ràdh gu bheil e deònach coimhead air a' chùis às ùr.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile