Gearainnean mu obair-càraidh sna Bàigh

Na Bàigh Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Dh'fhailich an gineadair a chuir SSE an sàs grunn thursan, a' fàgail mòran gun chumhachd an dealain.

Tha draghan air nochdadh anns na Hearadh mun obair-chàraidh a tha a' chompanaidh SSE a' dèanamh air loidhnichean-dealain Sgìre nam Bàgh.

Dh'fhailich an gineadair a chuir SSE an sàs grunn thursan, a' fàgail mòran gun chumhachd an dealain.

Chuir Fear-cathrach Chomhairle Coimhearsnachd Cheann a Tuath na Hearadh, Iain MacLeòid, a' cheist carson a tha an obair-càraidh ga dèanamh mun àm seo den bhliadhna.

Thuirt SSE gun robh e cudromach gun deadh an obair seo a dhèanamh gus an seasadh an t-siostam fad mìosan a Gheamhraidh.

Thuirt iad cuideachd gun robh iad duilich gun deach an dealan dheth.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile