Leasachadh Chaisteal Leòdhais

  • Air fhoillseachadh
Caisteal Leòdhais
Fo-thiotal an deilbh,
Tha dùil gum fosgail an taigh-tasgaidh as t-Samhradh 2015.

Tha dòchas ann gun tig airgead a dh'aithghearr airson na h-ath ìre de leasachadh air Caisteal Leòdhais ann an Steòrnabhagh.

Chaidh faisg air £6m a chomharrachadh mar-thà agus tha Comhairle nan Eilean Siar an dòchas naidheachd fhaighinn mun chòrr den airgead aig toiseach na h-ath-bhliadhna.

Thuirt Stiùiriche Leasachaidh Eaconamaich na Comhairle, Joe Mac a' Phì: "Tha a' Chomhairle ag obair an-dràsta air maoineachadh fhaighinn airson a' chiad làr, agus os cionn sin, sa chaisteal.

"Tha còmhraidhean a' dol le companaidh a tha a' ruith gnìomhachas a thaobh turasachd agus taighean-òsta.

"Tha sinn cuideachd aig ìre far a bheil sinn a' bruidhinn ris na buidhnean maoineachaidh agus ag iarraidh cho luath 's a ghabhas an t-airgead sin a chruinneachadh."

Tha dùil gum fosgail an taigh-tasgaidh as t-Samhradh 2015.

Anns an eadar-ama tha mòran obrach ri dhèanamh, ach tha Mgr Mac a' Phì toilichte leis mar a tha gnothaichean a' dol gu ruige seo.

Leis na còmhraidhean a tha a' dol an-dràsta mu ghearraidhean buidseit, dhearbh Mgr Mac a' Phì nach eil uallach orra a thaobh airgid.

Thuirt e: "Tha làn-mhaoineachadh againn airson an taigh-tasgaidh 's an tasglann, agus làrach ìosal a' chaisteil.

"Chuir a' Chomhairle romhpa, nuair a thòisich iad air an seo, crìoch a chur air a' phròiseict.

"Tha mi a' smaointinn gur e toil na Comhairle, agus gu cinnteach toil a' mhòr-shluaigh, gum bi taigh-tasgaidh 's tasglann, caisteal, gnìomhachas turasachd, agus an t-seirbheis dhualchais a tha a' tighinn an cois na pròiseict, gum bi sin ann agus gum bi e aig fìor àrd-ìre, agus gum bi muinntir nan eilein air fad moiteil às a h-uile sgath a tha sinn a' dèanamh an seo."

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh