Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An Dùbhlachd 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Taigh-seinnse Clutha

Tha na seirbhisean èiginn ann an Glaschu air sprùilleach a' heileacoptair a thogail far mullach an taigh-seinnse air an do thuit i Oidhche Haoine. Leanaidh an rannsachadh a-nis an taobh an staigh Taigh-seinnse Clutha ann a meadhan a' bhaile agus feadhainn fhathast a dhìth an dèidh do heileacoptair nam poileas tighinn a-nuas air an togalach. Tha dearbhadh ann, aig an ìre seo, gun do chaill naoinear am beatha agus tha dusan duine san ospadal, le triùir dhiubh sin gu math ìosal. Chuir Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba, Nicola Sturgeon, dìon air na seiribhisean èiginn an-diugh, an dèidh ghearainean gu bheil iad ro shlaodach a' dèiligeadh ris an t-suidheachadh. Thuirt ise gu bheil iad ag obair cho luath 's a leigeas sàbhailteachd leotha.

Prìsean cumhachd

Gheall feadhainn de na companaidhean cumhachd mòra gun geàrr iad air ais air an àrdachadh phrìsean a dh'ainmich iad bho chionn ghioirid. Tha seo a' tachairt an dèidh dhan riaghaltas innse gun geàrr iadsan na cìsean uaine a tha iad a' cur air na companaidhean. Thuirt British Gas agus Scottish and Southern Energy gun geàrr iad mu £50 an-ath-bhliadhna bho chunntas gas agus dealain. Thuirt NPower nach cuir iad prìsean suas a-rithist ron Earrach 2015 mura tig àrdachadh air na tha iad fhèin a' pàigheadh air a shon.

Am Prìomhaire ann an Sìona

Tha am Prìomhaire, Daibhidh Camshron, ann am Beijing, air ceann na buidhne malairte as motha riamh a chaidh à Breatainn gu ruige Sìona. Thuirt Mgr Camshron gum bi e bruidhinn ri Sìona mu chòraichean daonna anns an dùthaich sin cuideachd, ach gur e cùisean malairt as motha a tha romhpa.

Afganastan

Thuirt an Taliban gur iadsan a bh' air cùlaibh ionnsaigh fèin-mharbhtach anns an deach ceithrear, co-dhiù, a mharbhadh ann an Afganastan. Bha am bomair ann an làraidh a spreadh aig stèisean-poileas beagan deas air Kabul, prìomh bhaile na dùthcha.

Ath-leasachadh an fhearainn

Tha Comataidh nan Cùisean Albannach ann an Pàrlamaid Westminster ann an Inbhir Nis an t-seachdain seo 's iad a' gabhail fianais air an rannachadh ùr air Ath-leasachadh an Fhearainn a thòisich air an t-Samhradh seo. Bheir a' chomataidh sùil, am measg rudan eile, air Oighreachd a' Chrùin ann an Alba, an dèidh aithisg na bu tràithe am-bliadhna a thog dragh mu dhòigean-obrach na h-Oighreachd.