Manaidsear ùr Chaley Thistle

Iain Hughes Image copyright SNS
Image caption Thèid Hughes an àite Terry Butcher, a th' air gluasad gu Hibs.

Chaidh Iain Hughes ainmeachadh mar mhanaidsear ùr Chaley Thistle Inbhir Nis.

Thèid Hughes, a bha na mhanaidsear roimhe aig an Eaglais Bhric, Hibs, Baile Dhùn Lèibhe is Hartlepool, an àite Terry Butcher a ghluais gu Hibs air a' mhìos a chaidh.

Chuir Hughes ainm ri cùmhnant dà bhliadhna gu leth.

Thuirt e nach eil e an dùil cus atharrachaidhean a dhèanamh air an sgioba agus Caley Thistle air a bhith a' dèanamh cho math.

Chan eil Hughes air co-dhùnadh fhathast cò bhios ag obair còmhla ris san sgioba-choidsidh aige.