Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

4 An Dùbhlachd 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Losgadh

Chaidh bana-phoileas a ghoirteachadh gu dona às dèidh mar a chaidh losgadh oirre ann an Leeds. Tha Poilis Yorkshire an Iar a' coimhead airson fireannach 37 bliadhna co-cheangailte ris na thachair. Chaidh losgadh air an oifigear ann an uairean beaga na maidne.

Càintean

Chuir an EU càintean de chòrr air £1.4 billean air ochd bancaichean airson a bhith a' stèidheachadh ìrean rèidh air iasadan eadar bancaichean. Bha Banca Rìoghail na h-Alba am measg nam bancaichean a fhuair càin.

Leasachaidhean gaoithe

Thèid taic airson tuathan-gaoithe air tìr agus cumhachd na grèine a ghearradh, mar phàirt de dh'atharrachadh mòr a tha an Riaghaltas a' toirt air subsadaidhean cumhachd ath-nuadhachail. Bidh tuilleadh taic a' dol gu pròiseactan gaoithe aig muir. Bidh an Riaghaltas a' stèidheachadh bhun-phrìs gus subsadaidh a thoirt do chumhachd ath-nuadhachail. Bha daoine bho gach taobh den cho-bhanntachd ag ràdh nach eil pròiseactan gaoithe air tìr agus cumhachd na grèine feumach air uiread de thaic a-nis, leis gu bheil an stàit air tòrr a chosg orra mu thràth.

Saighdear an grèim

Chaidh saighdear Breatannach a cheasnachadh fo Achd na Ceannairc, is dùil gun deach boma a lorg ann an taigh ann an sgìre Mhanchester. Chaidh am fireannach, a tha 19, a sgèith a Bhreatainn bhon chàmpa airm aig an robh e anns a' Ghearmailt. Tha e an dèidh bhith air a leigeil ma sgaoil air urras a-nis.

Heileacoptair

Tòisichidh sgrùdadh mionaideach air an heileacoptair a bhuail Taigh-seinne Clutha an Glaschu, 's a mharbh naoidhnear, sa mhadainn an-diugh. Chaidh sprùilleach an heileacoptair a chur gu Ionad Mheur Sgrùdaidh nan Tubaist Adhair ann an Sasainn a-raoir. Tha dùil gun nochd a' chiad aithisg mun tubaist ann an dhà no trì làithean.

Companaidhean bathair

Chuir Ball-Pàrlamaid nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba fàilte air an naidheachd gu bheil Riaghaltas na h-Alba air stiùireadh a thoirt do chompanaidhean bathair nàiseanta mu na cosgaisean a bharrachd a tha iad a' cur air luchd-ceannach anns na h-Eileanan agus air a' Ghaidhealtachd. Thuirt Alasdair Allan gu bheil e a' faighinn an t-uamhas ghearainean mu na cosgaisean a tha sin.