Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An Dùbhlachd 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Stoirm

Chaidh dràibhear làraidh a mharbhadh air Taobh Siar Lodainn aig àirde na stoirme anns a' mhadainn an-diugh. Dh'fhàg a' ghaoth, a dh'èirich gu 100 mìle san uair, rathaidean agus sgoiltean dùinte agus seirbheisean còmhdhail nan tàmh, agus tha na mìltean dhaoine fhathast gun dealan. Tha am fiosrachadh aig Innes Rothach.

Chaochail dràibhear na làraidh nuair a chuir a' ghaoth car den charbad aige aig cearcall-rathaid Boghead ann am Bathgate mu 08:10m. Chaidh dithis a thoirt dhan ospadal nuair a thuit craobh air tacsi ann an Hamilton, agus tha na seirbheisean-teasairginn a' dèiligeadh ri tubaist eile air an A82 aig an t-Àrar, far an tàinig craobh a-nuas air muin càr. Tha an stoirm air seirbheisean còmhdhail a chur troimhe-chèile air feadh na dùthcha. Chaidh seirbheisean rèile a chur dheth uile gu lèir, agus tha bacadh agus dàil ga chur air seirbheisean aiseig a' chosta an iar. Cha sheòl aiseig Steòrnabhaigh a-nis gu 07:00m a-màireach. Air na rathaidean tha Poilis na h-Alba ag iarraidh air dràibhearan gun a bhith a' siubhal air rathaidean ann an ceann a deas agus meadhan na dùthcha gus an socraich a' ghaoth, agus gun tèid sprùilleach a thoirt far nan slighean. Tha grunn rathaidean dùinte nas fhaide gu tuath, nam measg an A87 aig Sligeachan, an A82 aig Drochaid an Aonachain, agus an A86 eadar Ceann a' Ghiùthsaich agus Bail' Ùr an t-Slèibh. Tha cabhsair Èirisgeidh air fosgladh a-rithist, cuide ris an A87 aig cabhsair Inbhir Ìonaid. Thuirt Scottish Power gu bheil timcheall air 100,000 dachaigh a-nis às aonais dealain ann an Alba - 20,000 dhiubh air a' Ghàidhealtachd. Agus, anns na h-Eileanan Siar, tha na poilis ag ràdh gu bheil càbal BT air tighinn gu talamh ann an Stocanais anns na Hearadh.

Peinnseanan

Innsidh an Seansailear do mhilleanan dhaoine ann am Buidseat an Fhoghair, a tha a' tòiseachadh an-ceartuair, gum feum iad feitheamh nas fhaide mus fhaigh iad peinnsean na Stàite. Tha sin a' ciallachadh gum bi feadhainn a tha air an sgoil fhàgail bho chion ghoirid a' feitheamh gus am bi iad 70, air a' char as lugha, mus tog iad am peinnsean.

Creideas Coitcheann

Dh'aidich Rùnaire na h-Obrach is nam Peinnsean, Iain Donnchadh Mac a' Ghobhainn, gur dòcha nach tig prìomh sgeama shochairean an Riaghaltais gu buil nuair a bha dùil. Bha an Riaghaltas an dòchas Creideas Coitcheann a' stèidheachadh air feadh na dùthcha ro 2017, ach thuirt e gu bheil e a' toirt nas fhaide na bha dùil fiosrachadh a chruinneachadh mu chuid de dhaoine a tha a' faighinn Taic-airgid Cosnaidh.

Yemen

Chaidh 20 duine a mharbhadh, air a' char 's lugha, le boma fèin-mhairbhteach agus sabaid le gunnachan aig togalach an Riaghaltais ann am prìomh bhaile Iemen. Chan eil fios fhathast cò a bh' air cùlaibh na h-ionnsaigh.

Tìodhlacadh

Tha tìodhlacadh tè de na deugairean a chaill am beatha ann an tubaist càr faisg air Dùn Bharra air Taobh Sear Lodainn an t-seachdain seo chaidh ann an-diugh. Chaidh Jenna Barbour, a bha 18 bliadhna de dh'aois, agus dithis eile a mharbhadh nuair a chaidh an càr far an rathaid. Chaidh gille, a tha 16 bliadhna de dh'aois, a chur an grèim.

Cumhachd ath-nuadhachail

Tha dragh ann gu bheil pròiseactan mòra thuathan-gaoithe anns na h-Eileanan an Iar ann an cunnart leis gun tuirt an Riaghaltas nach bi dad nas motha na £115 ann de thaic-airgid mu choinneimh gach megawatt. Tha luchd-leasachaidh ag ràdh gum feum iad £15 a bharrachd air an sin mu choinneimh na cosgais a bharrachd a thig orra airson dealan ath-nuadhachail a thoirt às na h-Eileanan. Thuirt Siomarlan Urras Steòrnabhaigh, Iain MacÌomhair, gum faodadh seo stad a chur air leasachadh agus cron mòr a dhèanamh air eaconamaidh nan eilean.