Coimiseanair cànain a' fàgail a dhreuchd

An Ghaeilge
Image caption Thuirt Mgr Ó Cuirreáin gu bheil dìth-taice on Stàit a' fàgail nach urrainn dha an còrr a dhèanamh don chànan.

Tha Coimisinéir Teanga na h-Èireann, Seán Ó Cuirreáin, a' leigeil seachad a dhreuchd sa Ghearran an ath-bhliadhna.

Tha uallach air a' Choimisinéir a dhèanamh cinnteach gun tèid reachdas mun Ghaeilge a chur an gnìomh, gus an urrainn do luchd na Gaeilge an cànan a chleachdadh 's iad a' conaltradh ri buidhnean stàite oifigeil.

Dh'innis Mgr Ó Cuirreáin an naidheachd 's e a' toirt seachad fianais Diciadain do cho-chomataidh aig Pàrlamaid na h-Èireann a bha an dùil aithisg bhliadhnail a' Choimisinéir a dheasbad.

Thuirt e, a' coimhead air ais air an deich bliadhna a tha e air a bhith san dreuchd, nach b'urrainn dha an còrr a dhèanamh airson còirichean cànain luchd na Gaeilge agus choimhearsnachdan na Gaeltachta a sheasamh.

Thuirt e gun robh dragh mòr air mu dhìth-taice on Stàit do chòirichean luchd na Gaeilge ann an Èirinn, anns a' bheil a' Ghaeilge na "prìomh chànan oifigeil na Stàite".

'S e Mgr Ó Cuirreáin a' chiad duine a chaidh ainmeachadh don dreuchd, ann an 2004. Bha e roimhe na cheannard air RTÉ Raidió na Gaeltachta.