Draghan mu shiostam bhòtaidh ann an Loch Abar

Tha luchd-gnothaich ann an Loch Abar a' gearain mu dreach na bhòt air sgìre-leasachaidh gnìomhachais a stèidheachadh san sgìre.

Thuirt Comunn Ath-leasachaidh an Taghaidh gum faigh gach togalach bhòt, ach nach fhaigh gach gnìomhachas.

Tha feadhainn a' gearain mar sin gum faigh Comhairle na Gàidhealtachd faisg air 50 bhòt, seach a h-aon, agus gum faigh gnìomhachasan le còrr is aon làraich barrachd air aon bhòt.

Ma thèid gabhail ris an sgeama, thig air gnìomhachasan sùim-airgid a chur a dh'ionnsaigh stòras aison luchd-turais a thàladh dhan sgìre.