Taghadh Chupa MhicAmhlaidh

Caol Bhòid is Inbhir Aora Image copyright SNS
Image caption Tha seann nàimhdean Caol Bhòid is Inbhir Aora gus strì an aghaidh a chèile a-rithist ann an 2014.

Tha seusan ùr na h-iomain pìos air falbh fhathast, ach chaidh an taghadh a dhèanamh do Chupa MhicAmhlaidh 2014.

Tòisichidh Caol Bhòid an oidhirp gus dìon a chur air a' chupa le geama air falbh an aghaidh nan seann nàimhdean aca, Inbhir Aora.

Gu h-iongantach, tha na sgiobaidhean air cluich an aghaidh a chèile anns na seachd farpaisean chupa mu dheireadh, a' dol air ais gu 2011.

Aig tuath thèid Bail' Ùr an t-Slèibh, a ràinig a' chuairt dheireannach ann an 2013, gu Cill Mhàillidh sa chiad chuairt.

Bidh cuairt dheireannach 2014 ann aig Pàirc Mossfield san Òban air an 23 den Lùnasdal.

Tha an taghadh air fad mar a leanas;

Cupa MhicAmhlaidh 2014

Deas - A' Chiad Chuairt

Inbhir Aora - Caol Bhòid

Taigh an Uillt - Gleann Urchaidh

Obar Dobhair - Camanachd an Òbain

Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal - Eilean Bhòid

Deas - An Darna Chuairt

Taigh an Uillt / Gleann Urchaidh - Obar Dobhair / Camanachd an Òbain

Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal / Eilean Bhòid - Inbhir Aora / Caol Bhòid

Tuath - A' Chiad Chuairt

Cill Mhàillidh - Bail' Ùr an t-Slèibh

Lòbhat - Ceann Loch Seile

An Gearasdan - Gleann Urchadain

Loch Abar - Ceann a' Ghiuthsaich

Tuath - An Darna Chuairt

Loch Abar / Ceann a' Ghiuthsaich - Cill Mhàillidh / Bail' Ùr an t-Slèibh

Lòbhat / Ceann Loch Seile - An Gearasdan / Gleann Urchadain

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile