Buill an SCF gus diùltadh innse

Talamh-croite
Image caption Tha co-chomhairleachadh a' dol an-dràsta air an Dleastanas Innse.

Thuirt Caidreachas Croitearachd na h-Alba gun diùlt an cuid bhall a th' air comataidhean baile ionadail an nàbaidhean a chur fa chomhair a' Choimisein airson riaghailtean croitearachd a bhriseadh.

Tha Coimisean na Croitearachd an-dràsta a' dèanamh co-chomhairleachaidh air an "dleastanas innse" fo am feumadh daoine an nabaidhean a chur fa chomhar a' Choimisein nam biodh iad a' leigeil le an cuid talamh-croite a dhol bhuaithe.

Na fhreagairt don cho-chomhairleachadh sin, thuirt an Caidreachas gur e uallach a bharrachd air nach biodh fàilte bho chomataidhean baile, agus gun dèanadh e sgaradh.

Tha iad a' toirt rabhaidh gum faodadh an dleastanas innse fàgail nach biodh earbsa chroitearan, no ùghdarras aig comataidhean baile.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile