Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An Dùbhlachd 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Seirbheis chuimhneachaidh

Tha ceannardan bho air feadh an t-saoghail am measg 80,000 duine a tha air cruinneachadh ann an stadium ball-coise ann an Soweto airson seirbhis chuimhneachaidh do Nelson Mandela. Tha na deichean mhìltean eile air cruinneachadh anns an aon sgìre. Chuir uisge trom maill air toiseach na seirbheis.

Ministrealachd an Dìon

Tha dùil ri dearbhadh bho Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu bheil iad a' cur maill ann am plana airson fastadh obrach do Mhinistrealachd an Dìon a chur dhan roinn phrìobhaidich. Bha an Riaghaltas am beachd cùmhnant £14 billean an MOD a chur dhan roinn phrìobhaidich, an dèidh aimhreit mu chosgais. Tha dùil gun innse Rùnaire an Dìon, Philip Hammond, gun tèid dàil a chur air an sin.

PIP

Chuir cùirt ann am Marseille binn ceithir bliadhna sa phrìosan air Jean-Claude Mas, dham buineadh a' chompanaidh Fhrangach PIP, a tha a' dèanamh implants broillich do bhoireannaich. Fhuair còrr 's 300,000 boireannach ann an diofar dhùthchannan air feadh an t-saoghail implants anns an robh stuth a dh'fhaodadh a bhith na chunnart dhan slàinte.

Fear a dhìth ann an Bhietnam

Tha rannsachadh a' dol air adhart ann an Bhietnam airson duine às Alba a chaidh a dhìth anns an dùthaich sin bho chionn còrr is mìos. Bha Jamie Taggart, a tha 41, à Baile Eilidh, a' dèanamh rannsachadh botanaigeach air planntrais agus lusan ann an ceann a tuath Bhietnam.

Abu Qatada

Thòisich cùirt ann an Iòrdan an aghaidh a' chlèirich radaigeach Muslamach, Abu Qatada, a tha fo chasaidean mu cheannairc. Thug Abu Qatada ochd bliadhna a' strì an aghaidh a chur a-mach à Breatainn agus e ag ràdh nach fhaigheadh e cùirt chothromach ann an Iòrdan.

Duais Nobel

Thèid Duais Nobel airson Fiosaigs a thoirt dhan Àrd-Ollamh Peadar Higgs bho Oilthigh Dhùn Èideann aig cuirm ann an Stockholm feasgar an-diugh. Tha an duais ga roinn eadar e-fhèin agus am Beilgeach, Francois Englert, airson na h-obrach a rinn iad sna 70an air an Higgs boson - am partaigeal bunaiteach air an d' fhuaireas dearbhadh aig CERN ann an Geneva an-uiridh.