Manaidsearan ùra a' Ghlinne

Gleann Urchadain
Image caption Cupa MhicAmhlaidh 2012. Bidh na manaidsearan ùra ag amas air làithean mar seo a thilleadh dhan Ghleann.

Dhearbh Gleann Urchadain gum bi Dàibhidh Menzies is Billy MacIlleathainn os cionn na ciad sgioba ann an 2014.

Bha an Gleann a' lorg sgioba-choidsidh ùr is Drew MacNèill air a dhreuchd fhàgail aig deireadh an t-seusain a chaidh.

Dh'fhàg Friseal Mac an Tòisich, a bha a' cur taic ri MacNèill, a dhreuchd ron a sin ri linn mì-thoileachas mu pheanas a chuir Comann na Camanachd air 'son càineadh a dhèanamh air reitire.

Tha eòlas gu lèor aig na manaidsearan ùra air na tha an dàn dhaibh is iad a' tilleadh gu dreuchdan a dh'fhàg iad ann an 2009.

Dhearbh an cluba cuideachd gun cum Iain MacLeòid a' dol mar mhanaidsear na dàrna sgioba.

"Le structar ùr lìge ann an 2014 bha e fìor chudromach gum biodh daoine le eòlas os cionn nan sgiobaidhean againn," thuirt cathraiche a' Ghlinne, Russell Friseal.

"Dùbhlan"

"Bidh a' chiad sgioba a' cluich ann am Prìomh Lìog nas lugha agus bidh dùbhlan mòr dhan dàrna sgioba ann an Lìog Tuath 1.

"Tha Lìog Tuath 1 air atharrachadh is bidh na balaich againn a' dol an aghaidh chluicheadaran nas sinne bho sgiobaidhean nach d' fhuair àite ann an Lìog Nàiseanta 1.

"Rinn Iain MacLeòid obair mhòr san dà bhliadhna a chaidh leis an dàrna sgioba is tha sinn air ar dòigh gum bi e gan stiùireadh a-rithist is dùbhlan mòr mun coinneimh ann an 2014.

"Tha Dàibhidh is Billy eòlach air na cluicheadaran sa chiad sgioba is tha sinn a-nise a' deasachadh 'son an t-seusain ùir is sinn cinnteach gu bheil na daoine ceart againn aig gach ìre," thuirt e.

Nochd fathannan aig an deireadh-sheachdain gur dòcha gum biodh seann mhanaidsear a' Ghlinne, Drew MacNèill, air a shlighe gu Loch Abar 'son 2014.

Tha an cluba à Drochaid an Aonachain air dearbhadh ge-tà, nach robh sin fìor is gum bi Raibeart MacIain os cionn na ciad sgioba acasan a-rithist.

Ionmhalta

Rinn MacIain obair ionmhalta às dèidh dha obair a' mhanaidseir a ghabhail leathach-slighe tro 2013, is Loch Abar ag èiridh bho bhonn na lìge gu cho àrd ris an treas àite aig aon àm.

Bidh dùbhlan ro Loch Abar cuideachd ann am Prìomh Lìog nas lugha ach bidh iad misneachail, le MacIain aig an stiùir, gun urrainn dhaibh togail air an adhartas a rinn iad am-bliadhna.

Dhearbh an cluba cuideachd gun lean Ally Fearghasdan air mar mhanaidsear na dàrna sgioba.

Bhuannaich an sgioba Lìog Tuath 3 ann an 2013 is Fearghasdan air ainmeachadh mar mhanaidsear na bliadhna san lìog.

Chrìochnaich Inbhir Nis aig bonn na lìge sin is tha iadsan air innse gum bi Gus Friseal a' gabhail dleastanais 'son na sgioba ann an 2014.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile