Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An Dùbhlachd 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Buidheann Lloyds

Chaidh càin còrr is £28m air Lloyds TSB agus air Banca na h-Alba airson sgeamaichean airson luchd-obrach a bhrosnachadh. Buinidh an dà bhanca do bhuidheann Lloyds. Seo a' chàin as motha a-riamh a thàinig bho Ùghdarras Modh an Ionmhais a thuirt gun do chur na sgeamaichean cus cuideam air an luchd-obrach targaidean a choileanadh, gun ghuth air dè a b' fheàrr do luchd-cleachdaidh.

Dementia

Dh'innis an Riaghaltas ann an Lunnainn gum bi iad a' dùblachadh an airgid a tha iad a' cur ri rannsachadh air dementia bho £66m ann an 2015 gu còrr is £130m ann an 2025. Thàinig am fiosrachadh bho Dhaibhidh Camshron ro choinneimh dùthchannan an G8 air dementia ann an Lunnainn an-diugh.

Nelson Mandela

Chruinnich na mìltean dhaoine air sràidean Pretoria ann an Afraga a Deas a dh'fhaicinn ciste Nelson Mandela air a slighe tron bhaile. Bidh dust Mhgr Mandela na laighe le urram stàite airson trì là ann an toglaichean an Riaghaltais an sin ron tiodhlacadh ann am Pretoria Là na Sàbaid.

Àireamhan sgoile

Tha figearan ùra an-diugh ag ràdh gun deach meud clas-sgoile an Alba sa chumantas air a' chiad thrì bliadhna sa bhun-sgoil suas gu còrr is 23, agus tha 13% nas lugha ann an clas anns a bheil nas lugha na 18 duine. Gheall an SNP ann an iomairt an taghaidh ann an 2007 gum biodh clasaichean na bun-sgoile gu lèir nas lugha, ged a dh'atharraich iad am plana an dèidh sin dhan chiad trì bliadhna.

Rannsachadh san Ruis

Tha rannsachadh a' dol air adhart san Ruis air duslach a dh'fhaicinn am buin e do chuirp criutha tràlair Breatannach. Chaill 36 duine am beatha nuair a chaidh an tràlair, An Gaul, a bha ag iasgach a-mach à Hull, fodha ann an 1974. Bha beachdan ann gun do chur na Ruiseanaich am bàta fodha 's iad an amharas gun robh i ri obair-brathaidh, no gun do ghreimich bàta-aigeann anns na lìn aice.

Aiseig Mhalaig

Tha tuilleadh ghearainean ann mu sheirbheis Chalmac eadar Malaig is Loch Baghasdal nach do sheòl ach ceithir là air a' chiad mhìos den sgeama pìleat. Tha Calmac ag ràdh gur e droch aimsir as coireach, ach tha dragh ann an Uibhist gun toir seo buaidh, an ceann trì bliadhna na sgeama pìleat, air a' cho-dhùnadh an d' fhiach an t-seirbheis a bhith ann fad na h-ùine. Thuirt Calmac nach biodh e ceart barail a thoirt an dèidh dìreach mìos air sgeama pìleat a mhaireas trì bliadhna.