Seirbheisean Sàbaid Ghàidhlig ann an cunnart

Glainne dhathte
Image caption Tha Eaglais na h-Alba agus Clèir Ghlaschu airson an àireamh de thogalaichean a th' aca a lùghdachadh.

Tha dragh air èirigh mu fhear de na toglaichean eaglaise as aithnichte ann an Glaschu, agus mu àite na Gàidhlig san sgìre.

Tha Clèir Ghlaschu de dh'Eaglais na h-Alba a' moladh gun tèid Eaglais Naoimh Caluim Chille air Sràid Naoimh Bhionsant a reic.

Thuirt iad gu bheil cus eaglaisean aca, nach eil gu leòr dhaoine a' frithealadh na h-eaglaise agus gu bheil i ro dhaor a cumail a' dol.

Dh'innis fear de bhuill a' choithionail, Aonghas Dòmhnallach, gu bheil daoine bho air feadh na sgìre a' frithealadh na h-eaglaise.

"Tha an eaglais ann am meadhan a' bhaile agus tha daoine a' tighinn innte bho sgìrean leithid Rinn Friù agus Dùn Bhreatainn, agus à Glaschu fhèin," thuirt e.

Tha ceangal aig a' mhòr-chuid den choithional ris a' Ghàidhealtachd, agus 's i an aon eaglais anns a' bhaile far a bheil seirbheis Ghàidhlig a h-uile Sàbaid.

Seirbheisean Gàidhlig

Thuirt Mgr Dòmhnallach: "Tha fios aig daoine a tha airson a thighinn gu seirbheis Ghàidhlig gu bheil i ann an seo a h-uile seachdain.

"Tha eaglaisean eile ann aig a bheil seirbheisean ach, mar as trice, 's ann tron t-seachdain.

Tha faisg air 100 bliadhna on chaidh an eaglais a stèidheachadh air Sràid Naoimh Bhionsant agus, air làithean sònraichte, bidh suidheachain na h-eaglaise fhathast làn.

Ach a-nis, tha Eaglais na h-Alba agus Clèir Ghlaschu airson an àireamh de thogalaichean a th' aca a lùghdachadh, agus tha Eaglais Naomh Chaluim Chille air a taghadh mar thogalach a dh'fhaodas a reic.

Dh'innis Mgr Dòmhnallach gu bheil grunnan rudan a dh'fheumas tachairt mus tig e chun na h-ìre sin.

Togalach aithnichte

"'S e togalach aithnichte a th' ann agus bhiodh Baile Ghlaschu glè eadar-dhealaichte mura biodh e ann," thuirt e.

"Bidh treallaich strì ann, gun teagamh, ach tha sinn dòchasach gun cùm sinn i."

Thuirt neach-labhairt bho Eaglais na h-Alba nach deach co-dhùnadh sam bith a dhèanamh fhathast agus gun tèid a' chùis a làimhseachadh tro phròiseasan na h-eaglaise sa Bhliadhn' Ùir.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile