Steòrnabhagh
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Dragh mu ghnìomhachasan Steòrnabhaigh

17 An Dùbhlachd 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha gnìomhachasan ann am meadhan bhaile Steòrnabhaigh air dragh a thogail mu na tha an dàn dhaibh, ag ràdh nach eil uimhir de mhalairt ga dhèanamh, 's an teachd-a-steach air a dhol sìos gu mòr.

Tha iad ag iarraidh taic shònraichte airson spionnadh a thoirt do mheadhan a' bhaile. Ged a gheibh mòran togail mun àm seo den bhliadhna, tha dragh ann mu na tha ri teachd.

Tha an aithris seo aig Murray MacLeòid.