Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An Dùbhlachd 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

IPSA

Tha Cathraiche na buidhne IPSA, aig a bheil dleastanas airson tuarastail Bhuill-Pàrlamaid, air a bhith a' dìon molaidhean gus àrdachadh de 11% a thoirt dhaibh ann an 2015. Bidh seo a' ciallachadh, ma thèid gabhail ris, gum faigh buill £74,000 sa bhliadhna, ged a tha ceannardan nam prìomh phàrtaidhean ag ràdh gu bheil seo cus agus gum bu chòir dhaibh an t-àrdachadh a dhiùltadh. Thuirt Sir Ian Kennedy gu robh thìd' ann dèiligeadh le cothromachd nan tuarastail, ach bho seo a-mach gum biodh àrdachaidhean sam bith eile ceangailte ri teachd-a-steach choitcheann na dùthcha.

Lagh ùr

Tha dùil gun tèid lagh ùr tro Phàrlamaid na h-Alba nas fhaide dhan là a chuireas an tuilleadh dìon air feadhainn a dh'fhuiling le eucoir, no a tha a' toirt seachad fianais ann an cùirt lagh. Thèid còirichean ùra a thoirt do dhaoine an co-cheangal ri na cùisean lagha as a bheil iad an sàs, agus gheibh daoine a dh'fhuiling airgead-dìolaidh bho stòras-airgid a bhios air a mhaoineachadh le eucoirich.

Am Morair Myners

Chaidh fear a bha roimhe na Mhinistear Ionmhais aig a' Phàrtaidh Làbarach fhastadh le buidheann a' Cho-Operative airson ath-sgrùdadh a dhèanamh air mar a tha a' bhuidheann ga stiùireadh. Chan fhaigh Am Morair Myners ach £1 ann an tuarastail gach bliadhna. Tha seo a' tighinn an dèidh sgainneal a bhuail orra nuair a chaidh an Cathraiche aca, Pòl Flowers, a chur an grèim agus e fo chasaid gun robh e a' cleachdadh dhrogaichean.

Victor Yanukoyvich

Thuirt Catherine Ashton, a tha os cionn poileasaidh cèin an Aonaidh Eòrpaich, gu bheil Ceann-suidhe an Ùgrain air innse dhith gu bheil e an dùil ainm a chur ri aonta mu cheanglaichean nas dlùithe leis an Aonaidh Eòrpaich. Dh'innis Victor Yanukoyvich air a' mhìos a chaidh, gun robh e a' seachnadh an t-aonta, 's e ag iarraidh a bhith nas fhaisge air an Ruis, rud a dh'fhàg na ceudan mhìltean air sràidean Khiev as na seachdainean a dh'fhalbh. Tha Leas-Phrìomhaire na Dùthcha an-diugh anns a' Bhruiseal airson còmhraidhean, far an tèid innse dha gu bheil thìd' aca co-dhùnadh a ruighinn.

Bonn Sheòrais

Chaidh Bonn Sheòrais airson gallantachd a bhuileachadh air oifigear-poileas a bhàsaich agus e a' dèiligeadh le fear gunna ann an Sasainn. Chaill an Constabal Ian Dibell a bheatha ann an Clacton ann an Essex an-uiridh, agus seo a' chiad trup ann an còrr air 20 bliadhna a chaidh am bonn seo a thoirt do chuideigin ann am Breatainn. Thuirt Àrd-Chonstabal Poilis Essex, Stephen Kavanagh, gun robh pròis mhòr aige airson na rinn PC Dibell.

Ceò

Tha ceò thairis air baile Lunnainn air a bhith a' cur maill air mòran sheirbheisean adhair a-rithist madainn an-diugh, le còrr air 40 seirbheis-itealain air a chur dheth aig Port-adhair Heathrow. Thug seo buaidh air itealain a' tighinn agus a' falbh às a' phort-adhair, 's bha trioblaidean cuideachd aig Port-adhair London City. Thug a' cheò buaidh air còrr air 30 slighe a' tighinn 's a' falbh às an sin, ged nach robh trioblaidean sam bith aig Puirt-adhair Luton neo Stanstead.