Comhairle gan càineadh mu ghoireasan spòrs

Comhairle na Gàidhealtachd
Image caption Rinn Spòrs Alba càineadh air Comhairle na Gàidhealtachd, ag ràdh gu bheil soillearachadh a bharrachd a dhìth mu na molaidhean.

Chaidh càineadh a dhèanamh air planaichean Comhairle na Gàidhealtachd gus goireasan spòrs Inbhir Nis a ghluasad ri linn ceangal-rathaid taobh siar a' bhaile.

Thuirt Spòrs Alba gun toireadh an rathad ùr, a bhiodh a' dol tro Raon Ghoilf Thòrr Bheathain, buaidh shusbainteach air goireasan spòrs.

Rinn a' bhuidheann càineadh air Comhairle na Gàidhealtachd, ag ràdh gu bheil soillearachadh a bharrachd a dhìth mu na molaidhean.

Thuirt iad nach eil a' Chomhairle air mìneachadh freagarrach a thoirt seachad air a' ghoireas a dheadh an àite Raoin Ghoilf Thòrr Bheathain.

Chaidh cur às leth na Comhairle cuideachd gun toireadh na planaichean lùghdachadh air raointean rugbaidh ann am Pàirce a' Chanàil.

Thuirt fear-labhairt bho Chomhairle na Gàidhealtachd gu bheil iad fhathast a' beachdachadh air na freagairtean a fhuair iad bhon phobaill anns a' cho-chomhairleachadh aca.

Thuirt e cuideachd gu bheilear mothachail air cho cudromach 's a tha clubaichean-spòrs dhan Ghàidhealtachd.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile