Àireamh de thraoin ann an Alba air tuiteam
- Air fhoillseachadh
Bu chòir do Riaghaltas na h-Alba £85m a chosg air sgeama àiteachais airson àireamhan an traoin a dhìon.
Sin a rèir Comann Rìoghail Dìon nan Eun, (RSPB).
Tha an àireamh de thraoin ann an Alba air tuiteam 23% taobh a-staigh bliadhna, bho 1,260 ann an 2012 gu 971 ann an 2013.
Thuirt a' bhuidheann gun do chuir sìde fhuar an earraich bacadh air an fheur fhada a tha cho riatanach do na h-eòin a thaobh àrainn agus briodadh.
'S e maoineachadh bhon Aonadh Eòrpach anns na 90an a phàigh airson nan sgeamaichean àiteachais a thug ath-nuadhachadh do dh'àireamhan an traoin.
Ron a sin, bha na h-àireamhan air crìonadh gu ìre far an robh dragh ann gun deadh iad a-mach à bith.
Sgeamaichean àiteachais
A-nis, le na h-àireamhan a' tuiteam a-rithist, tha cothrom aig Riaghaltas na h-Alba barrachd airgid fhaighinn bhon Aonadh Eòrpach agus na sgeamaichean àiteachais a leudachadh.
Thuirt Vicki Swales bhon RSPB gun robh e deatamach gun gabhadh an Riaghaltas an cothrom a tha air nochdadh bho atharrachaidhean ann am poileasaidh àiteachais an Aonaidh Eòrpaich barrachd airgid a chosg air na sgeamaichean àiteachais a tha air a bhith cho soirbheachail anns na bliadhnaichean a dh'fhalbh.
A bharrachd air na traoin, dh'fhaodadh flùraichean fiadhaich agus seillein buannachd fhaighinn às na sgeamaichean.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- 5 An Lùnastal 2013