Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

13 An Dùbhlachd 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tiriodh

Dh'innis Scottish Power Renewables gu bheil iad a' tarraing a-mach à plana a bha aca airson tuath-gaoithe mòr aig muir far cladach Thiriodh. Bhiodh pròiseact Argyll Array air sgeama cho mòr 's a bhiodh ann am Breatainn le comas air dealain a chumail ri millean dachaigh, ach dh'innis Scottish Power Renewables nach tèid iad air adhart leis gu bheil tuinn ro mhòr far cladach Thiriodh agus nach eil grunnd na mara freagarrach. Thuirt a' chompanaidh gun do ghabh iad an co-dhùnadh sin mas do dh'innis Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gum bi iad a' cur tuilleadh airgid ri tuathan-gaoithe aig muir seach sgeamaichean air tìr.

Sgeama hydro

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba an-diugh gun tug iad cead do sgeama hydro mòr air Ghàidhealtachd. Ghabh an Riaghaltas ri plana SSE airson stèisean pumpa ùr sa Choire Ghlas, faisg air Drochaid an Aonachain ann an Loch Abar. Bheir e sia bliadhna an sgeama a thogail agus cumaidh e cosnadh ri 150 duine fhad 's a tha an obair a' dol air adhart.

Coirea a Tuath

Tha na Stàitean Aonaichte, Sìona, Iapan agus Coirea a Deas am measg nan dùthchannan a tha a' cumail sùil air an t-suidheachadh ann an Coirea a Tuath an dèidh na naidheachd gun deach Jang Song Thaek, uncail cheannard na dùthcha, Kim Jong-Un, a chur gu bàs. B' esan an dàrna duine a bu mhotha cumhachd anns a' bhuidheann riaghlaidh, ach chaidh a chur gu bàs agus iad a' fàgail air gun robh e ag ullachadh oidhirp air smachd a ghabhail air an dùthaich.

Tiodhlacadh

Tha tiodhlacadh fear eile de na chaill am beatha anns an tubaist heileacoptair a' dol air adhart ann an Castlemilk ann an Glaschu an-diugh. Bha Samuel McGhee, a bha 56, air fear de dheichnear a chaill am beatha nuair a thuit an heileacoptair air Taigh-Seinnse Clutha ann am meadhan a' bhaile bho chionn cola-deug.

Malcolm Webster

Dhiùlt Cùirt an Ath-Thagraidh ann an Dùn Èideann oidhirp a rinn Malcolm Webster air cur às do dhìteadh airson murt na mnà aige ann an tubaist càr ann an Siorrachd Obair Dheathain. Chaidh Webster dhan phrìosan airson 30 bliadhna airson Claire Morris a mharbhadh ann an 1994, agus airson oidhirp air an dàrna bean a mharbhadh ann an New Zealand, a-rithist le bhith a' cur tubaist-rathaid air dòigh. Dhiùlt Cùirt an Ath-Thagraidh argamaid gun robh mearachdan anns a' chùis-lagha na aghaidh.

Comhairle na Gàidhealtachd

Thèid iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd, an ath sheachdain, gabhail ri £3.5m eile de ghearraidhean. Chuir iad £12m de ghearraidhean romhpa mar-thà. Tha dùil ri tuilleadh fiosrachaidh an-diugh fhathast air de na roinnean de dh'obair na Comhairle air an toir na gearraidhean ùra seo buaidh.