£3m do sgoil Ghàidhlig Phort Rìgh

Airgead Image copyright PA
Image caption Tha dùil gun tòisich obair-togail ann an 2015.

Dh'innis Riaghaltas na h-Alba gun toir iad £3m thairis air dà bhliadhna do Chomhairle na Gàidhealteachd airson Sgoil Ghàidhlig ùr a thogail ann am Port Rìgh san Eilean Sgitheanach.

Bha Ministear Chànanan na h-Alba, Alasdair Allan, a' tadhail ann am Port Rìgh madainn Diluain.

Thadhail e air an làraich a chaidh a thaghadh airson na sgoile ùire, air Rathad an t-Sruthain, far a bheil dùil gun tòisich obair-togail ann an 2015.

Dh'ainmich e cuideachd gun tèid £250,000 a bharrachd a chur ri ionnsachadh na Gàidhlig anns na tràth-bhliadhnaichean, airson fàs maireannach a thoirt air an àireimh de sgoilearan a tha a' dol tro fhoghlam Gàidhlig (FTG), agus airson misneachd a thoirt do phàrantan san sgìre foghlam dà-chànanach a thaghadh.

"'S ann air sgàth co-chomhairleachaidh fharsainn, agus iarrtas bho phàrantan airson foghlaim dhà-chànanaich a tha an sgoil Ghàidhlig ùr gu bhith ann am Port Rìgh," thuirt an Dr. Allan.

"Tha a' mhaoin seo ag aithneachadh gu bheil ùidh ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' sìor-fhàs air a' Ghàidhealtachd, agus air feadh na dùthcha, agus tha seo na phàirt de ar dealas ginealach ùr de luchd-cleachdaidh a bhrosnachadh.

"Bheir an £250,000 airson nan tràth bhliadhnaichean taic do chloinn òg, agus togaidh e air an obair fìor mhath aig Comhairle na Gàidhealtachd a thaobh gnìomhachd a chruthachadh airson daoine an cànan a chleachdadh gach là taobh a-muigh na sgoile.

"Tha sinn air dearbhadh anns a' bhliadhna a chaidh seachad gur e a bhith a' tabhann Gàidhlig do dh'òigridh a tha a' dèanamh an dìofar as mòtha a thaobh crìonadh a' chànain a thilleadh, le figearan bhon chunntas-sluaigh a' sealltainn àrdachaidh anns an àireimh de luchd-cleachdaidh fo aois 20 son a' chiad uair," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile