Dìon air pròiseict Phort Rìgh

Bun-sgoil Phort Rìgh
Image caption Tha ionad Gàidhlig ann am Bun-sgoil Phort Rìgh an-dràsta.

Chaidh dìon air planaichean gus bun-sgoil Ghàidhlig a thogail ann am Port Rìgh, às dèidh do Riaghaltas na h-Alba £3m a ghealltainn dhan phròiseict.

Tha iomadh bliadhna ann bho nochd iarrtas son sgoil Ghàidhlig fa-leth sa bhaile is sheall co-chomhairleachadh roimhe gun robh taic ann air a shon.

Chaidh dàil às dèidh dàil air a' ghnothach ge-tà.

Thathas an dòchas a-nise gun tòisich obair-togail air an sgoil - agus air òsdail ùr dhan àrd-sgoil a bhios air an dearbh làraich - ann an 2015.

Bu chòir gum bi an obair deiseil ann an 2017.

Cosgais

Cosgaidh an sgoil còrr is £8m is an òsdail mu £3m.

Thadhail Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan, air an làraich Diluain gus £3m a ghealltann thar dà bhliadhna, cho math ri £250,000 do dh'fhoghlam Ghàidhlig ro-sgoile.

Tha cuid san Eilean Sgitheanach air draghan a thogail mun phròiseict.

Tha iad ag ràdh gu bheil foghlam Gàidhlig mar tha ann am Bun-sgoil Phort Rìgh is nach eil adhbhar ann na muilleanan notaichean a chosg air sgoil ùr.

A rèir chuid, dh' faodadh sgoil Ghàidhlig sa bhaile fiùs sgaradh a dhèanamh sa choimhearsnachd.

Às àicheadh

Chaidh fear de chomhairlichean an Eilein, Hamish Friseal, às àicheadh sin.

"Tha feadhainn gu bhith ann an Sgoil Ghàidhlig, tha feadhainn gu bhith ann an Sgoil Bheurla is tha sin a' dol air adhart ann an iomadach sgìre ann an iomadach pàirt den t-saoghal ann am mìon-chànain eile. Cha creid mi gu bheil an sgaradh gu bhith cho mòr sin", thuirt e.

Tha Art MacCarmaig am measg na tha air a bhith ag iomairt son na sgoile fad bhliadhnaichean.

Chuir Mgr MacCarmaig fàilte air an airgead bhon Riaghaltas is thuirt e gun dèan an sgoil ùr feum.

"Chan ionnan ionad Gàidhlig ann am bun-sgoil tro mheadhan na Beurla agus sgoil Ghàidhlig", thuirt e.

"Cothroman"

"S e an rud a tha sinn ag iarraidh gum biodh barrachd chothroman aig a' chloinn a bhith a' cleachdadh na Gàidhlig chan ann a-mhàin san t-seòmar-teasgaig ach taobh a-muigh nan seòmraichean-teasgaisg.

"Cha thachair sin gu siorraidh ann an suidheachadh far a bheil ionad Gàidhlig ann an sgoil Bheurla agus 's e sin am prìomh adhbhar a tha sinn ag iarraidh sgoil Ghàidhlig ann am Port Rìgh.

"Tha mi a' smaoineachadh gur e droch fhacal a th'ann an sgaradh ma tha thu a' bruidhinn mu dheidhinn choimhearsnachdan.

"Tha dòighean deànamh cinnteach gu bheil clann às an dà sgoil a' tighinn còmhla aig amannan freagarrach.

"Chan eil mi a' creidsinn gu bheil suidheachadh idir gu bhith ann far a bheil clann bho aon theaghlach a' fuireach ri taobh clann bho theaghlach eile - feadhainn ann an sgoil Ghàidhlig is feadhainn ann an sgoil Bheurla - is nach cluich iad còmhla. Chan eil mi idir a' creidsinn sin", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile