Nurs sònraichte dha na h-Eileanan Siar

BBC Image copyright Other
Image caption Debbie Nash, còmhla ri Gordon Jamieson bho Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar is Aonghas MacLeòid, riochdaire Pharkinsons UK.

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar air nurs fhasdadh son a' chiad turas gu sònraichte do dhaoine a tha a' fulang le Tinneas Parkinson's.

'S i Debbie Nash a fhuair an obair is i air a bhith na nurs fad 30 bliadhna.

Tha i air a bhith a' fuireach agus ag obair ann an Leòdhas bho 1992 is ùidh mhòr aice ann an Tinneas Parkinson's.

"S e cothrom air leth a tha seo dha na h-Eileanan an Iar", thuirt Debbie.

"Feumalachdan"

"Cuiridh mi ri chèile seirbheis a bhios a' freagairt air na feumalachdan a th'againn an seo", thuirt i.

Tha 76 neach anns na h-Eileanan an Iar le Parkinson's is dùil gun tig àrdachadh air an àireamh sin.

'S fhada bho thòisich daoine mar Aonghas MacLeòid ag iomairt son nurs mar seo anns na h-Eileanan.

Tha Mgr MacLeòid na riochdaire do Pharkinson's UK anns na h-Eileanan an Iar.

"S e naidheachd mhòr dha-rìribh a tha seo dhuinn", thuirt e.

"An rud as motha a thig às, gum bi cuideigin againn aig a bheil tuigse den tinneas a tha seo.

"Diofraichte"

"Chan eil a h-uile duine le Parkinson's leis an aon tinneas orra, tha e ga shealltainn fhèin ann an iomadach dòigh is tha e diofraichte dhan h-uile duine.

"Cuideigin le eòlas air an tinneas, 's urrainn dhaibh cuideachadh a thoirt dha daoine", thuirt e.

Thig taic-airgid 'son na h-obrach son dà bhliadhna bho Pharkinson's UK.

Tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar air gealltainn gum paigh iadsan 'son na seirbheis às dèidh sin.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile