Cor bhùithtean na dùthcha

Uinneag bùtha
Image caption Tha 18% de bhùithtean falamh ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd, an coimeas ri 14% sa chumantas.

Tha barrachd bhùithtean falamh ann an Inbhir Nis na ann am baile mòr sam bith eile ann an Alba, a rèir rannsachaidh ùir.

Tha an sgrùdadh bho Chompanaidh an Dàta Ionadail a' sealltainn gu bheil 18% de bhùithtean falamh ann am prìomh bhaile na Gàidhealtachd, an coimeas ri 14% sa chumantas.

Chaidh an rannsachadh a dhèanamh le eòlaiche bhùithtean bho Oilthigh Shruighlea, An t-Àrd-Oll. Leigh Sparks.

Dealbh measgaichte

'S e dealbh caran measgaichte a nochd, le cuid de bhailtean a' dèanamh math agus cuid eile a' fulang.

An Inbhir Ùraidh chan eil ach 2% de bhùithean falamh, ach tha còrr is 30% falamh ann an Hunndaidh agus ann am Banbh.

Anns a' mhòr-chuid de bhailtean, tha barrachd air 40% de bhùithtean falamh air a bhith bàn airson còrr is bliadhna.