Dàil eile air Càbal a' Chuain Sgìth

Càbal air grunnd na mara
Image caption Tha an càbal riatanach airson cumhachd ath-nuadhachail a leasachadh sna h-Eileanan Siar.

Thàinig dàil eile, gu 2019 co-dhiù, air Càbal a' Chuain Sgìth a chur an sàs.

Thathas a' faicinn a' phròiseict, a dhèanadh ceangal eadar na h-Eileanan Siar agus Tìr Mòr airson dealan a ghiulain dhan Ghriod Nàiseanta, mar rud riatanach airson cumhachd ath-nuadhachail a leasachadh anns na h-Eileanan.

Bha coinneamh aig riochdairean Comhairle nan Eilean Siar, luchd-leasaichaidh agus ofigich Dimàirt, an dèidh mar a nochd draghan mu mar a chuir a' chompanaidh Scottish Energy Renewables an cùl ri planaichean airson tuath-gaoithe mòr a stèidheachadh sa mhuir far chladaichean Thiriodh.

Tha cuideachd draghan air nochdadh mun ìre phàighidh a gheibh companaidhean air an dealain aca.

Tha an càbal an urra ri SHE Transmission - a tha nam pàirt den bhuidhinn Scottish and Southern Energy.

Tha striùiriche leasachaidh na Comhairle, Caluim Iain MacÌomhair, ag ràdh gum faodadh gun tig an leasacadh ron cheann-là ùr, ge-tà.

"Aig an ìre seo bha SHE Transmission a' bruidhinn an-diugh mu dheidhinn a' chlàir-ama a' dol air adhart," thuirt e.

"Tha iadsan a' faicinn clàir-ama a tha a' ruith a-mach gu 2019.

"So feumaidh sinn faicinn dè cho luath 's a thèid sinn tron Needs Case, dè cho luath 's a dh'fheumas cùmhnant a thighinn a-steach airson a' chàbail, agus dè cho luath 's is urrainn dhan chàbal sin a dhol sìos.

"Tha 2019 ann, ach tha cothroman ann nas luaithe na sin," thuirt e.