Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

18 An Dùbhlachd 2013 Ùraichte aig Ùraichte aig

Staitistigs

Sheall figearan ùra bho Oifis nan Staitistig Nàiseanta gun do thuit an àireamh de dhaoine a bha às aonais cosnadh ann an Alba eadar an Lùnastal agus an Dàmhair gu 186,000, lùghdachadh de 7,000. Aig a' cheart àm, thàinig àrdachadh de 11,000 air na tha de dh'Albannaich a' cosnadh. Anns an Rìoghachd Aonaichte gu lèir, thuit na bha de dhaoine gun chosnadh cha mhòr 100,000, gu 2.39m, sin an ìre as ìsle airson ceithir bliadhna gu leth.

Ronnie Biggs

Chaochail Ronnie Biggs, fear den sgioba a chreach trèana a' Phuist Rìoghail ann an 1963. Bha e 84. Chaidh Biggs a chur dhan phrìosan air binn 30 bliadhna, ach chaidh aige air teicheadh o Phrìosan Wandsworth agus chur e seachad tòrr dhe bheatha ann am Brazil, gus an do ghèill e ri na poilis ann a 2001. Chaidh a shaoradh bhon phrìosan ann a 2009 airson adhbharan slàinte.

Bàs an dèidh tubaist

Bhàsaich boireannach às dèidh dhi a bhith air a leagail le càr ann an Dùn Dèagh an-diugh sa mhadainn. Tha sgrùdadh a' leantainn air dè a dh'adhbharaich an tubaist air rathad an A90 eadar Dùn Dèagh agus Farfar goirid ro 10:00m. Cha deach ainm a' bhoireannaich fhoillseachadh fhathast.

Taigh-Seinnse Clutha

Chaidh ceathrar dheugairean a chur an grèim fo amharas gun do bhris iad a-steach gu na th' air fhàgail den Chlutha Bar ann an Glaschu tràth madainn an-dè. Thuirt poilis gun deach casaidean goid a chur às leth dithis fhireannach òg, aois 18 agus 16, agus dithis nighean, aois 16. Tha dùil gun nochd iad ann an Cùirt an t-Siorraidh ann an Glaschu an-diugh, agus thèid aithisg gu Neach-casaid a' Chrùin. Aig a' cheart àm, thèid am fear mu dheireadh a bhàsaich anns an tubaist heileacoptair aig an Clutha Bar a thòrradh ann am Baile an t-Saoir an-diugh. Chaochail Joe Cusker, a bha 58 à Camas Long, anns an ospadal cola-deug às dèidh na tubaist.

Roinn an Ionmhais

A rèir àireamhan bho Roinn an Ionmhais, tha beàrn mhòr anns na planaichean a dh'fhoillsich Riaghaltas na h-Alba sa Phàipear Geal air neo-eisimeileachd, agus iad ag ràdh gun cosgadh iad £1.6bn gach bliadhna. Ach thuirt Rùnaire Ionmhais na h-Alba, Iain Swinney, nach gabh Roinn an Ionmhais a chreidsinn seach gu bheil na h-àireamhan aca air feadh an àite, agus nach eil an sgrùdadh aca a' gabhail a-steach na buannachdan eaconomach a thigeadh à poileasaidhean eile.